Seirbheis dialysis "san Dùbhlachd"

  • Air fhoillseachadh
Dialysis

Tha a h-uile coltas ann gum bi seirbheis ùr dialysis anns an Eilean Sgitheanach deiseil san Dùbhlachd.

Gheall NHS na Gàidhealtachd an t-seirbheis a chur air dòigh roimhe is cuid fad iomadh bliadhna air a bhith a' siubhal air ais is air adhart a dh'Inbhir Nis airson na seirbheis.

Bha am bòrd-slàinte air cur romhpa an toiseach an goireas a bhith air a stèidheachadh ann an Ospadal an Ath-Leathainn sa Ghiblean am-bliadhna.

Chuir duilgheadasan le bhith a' fastadh luchd-obrach, trèanadh, is staing Chovid-19, dàil air na planaichean sin.

Adhartas

Tha e a-nise air tighinn am bàrr gu bheil iad air adhartas a dhèanamh.

"'S urrainn dhomh dearbhadh gu bheil sinn air luchd-obrach fhastadh agus gun tòisich obair-togail a dh'aithghearr", sgrìobh Àrd-oifigear NHS na Gàidhealtachd, Pòl Hawkins, ann an litir gu BPA an Eilein Sgitheanaich, Ceit Fhoirbeis.

"Tha dùil againn gum bi i deiseil airson euslainteach san Dùbhlachd 2020. Tha fios agam gu bheil seo nas fhadalaiche na bha dùil ach tha mi cinnteach gun cur euslaintich fàilte air an leasachadh", thuirt e.

Thuirt Ceit Fhoirbeis fhèin gur e briseadh-dùil a bh' ann gun deach dàil air na planaichean is rinn i toileachas ris an naidheachd gum bi an t-seirbheis ann an ceartuair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo