19 air an dearbhabh leis a' Chòrona-bhìoras an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Chaidh dearbhadh Dimàirt gu bheil an còrona-bhìoras a-nise air 19 ann an Uibhist, dithis a bharrachd na bh' ann Diluain.
Thuirt oifigich slàinte gu bheilear a' leantainn gach ceum gus smachd fhaighinn air a' bhìoras is gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gun lean daoine an stiùireadh oifigeil a thaobh Chovid-19.
Chaidh aon neach a thoirt dhan ospadal air tìr mòr agus feadhainn eile leis a' bhìoras gan cumail fhèin air leth.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gun robh iad air fios fhaighinn anmoch Diluain nach eil am bhìoras ach air aon neach-còmhnaidh ann an dachaigh-cùraim Taigh a' Chridhe Uile Naoimh ann an Dalbrog.
"'S e adhbhar toileachais a tha sin oir bha sinn gu math iomagaineach mu dheidhinn a' bhìorais a bhith ann an dachaigh-cùraim sam bith", thuirt Mgr Dòmhnallach.
Stiùireadh
Tha a' Chomhairle agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag iarraidh air an t-sluagh gach riaghailt a th' ann an-dràsta a leantainn.
"Tha sinn a' leantainn a h-uile ceum a th' ann airson smachd a chur air a' bhìoras ach tha e cho cudromach 's a ghabhas gun lean a h-uile duine anns na h-Eileanan an Iar bacaidhean Riaghaltas na h-Alba agus stiùireadh FACT", thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich anns na h-Eileanan, Maggie Watts.
Chaidh sgoiltean Uibhist gu lèir a dhùnadh Diluain 'son trì là.
Thuirt ceannard foghlaim nan Eilean Siar, Bernard Siosalach, gun deach sin a dhèanamh air sgàth 's gu bheil Comhairle nan Eilean Siar airson a bhith cho faiceallach 's a ghabhas, an àite gun robh comharra sam bith ann gun robh am bhìoras air sgoilearan no a' sgaoileadh ann an sgoiltean.
Mura tig atharrachadh mòr anns na h-àireamhan dearbhte den bhìoras, thuirt Mgr Siosalach gu bheil e an dòchas gum fosgail na sgoiltean às ùr Diardaoin.
Thèid measadh a dhèanamh air an t-suidheachadh gach là.
Taic
Mura fosgail gach sgoil no cuid de sgoiltean, thathas ag obair air planaichean gus foghlam a thoirt seachad tro e-Sgoil agus air loidhne.
Eadar dà cheann Uibhist, tha gnìomhachasan air an dorsan a dhùnadh rè-ùine airson stad a chur air sgapadh a' bhìorais.
Dh'innis Tormod Dòmhnallach gu bheil gnìomhachasan eile anns na h-Eileanan gu lèir mothachail den t-suidheachadh is nach eil iad a' gluasad luchd-obrach a dh'Uibhist aig an ìre seo.
Tha buidhnean mar Resilient Uist cuideachd a' tabhann taic do dhaoine a tha feumach air cuideachadh.
Bu chòir fios a chur orra tro phost-d.
Tha am banca-bìdh ionadail cuideachd a' tabhainn taic is bu chòir fios a chur orra le a bhith a' fònadh seach tadhal.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An t-Sultain 2020
