Covid-19 air oileanaich aig tuath

  • Air fhoillseachadh
UHI

Thàinig e am bàrr gu bheil Covid-19 air dithis oileanach ann an Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha aon neach a tha a' fuireach ann an àite-comhnaidh aig Colaiste Taobh Siar na Gàidhealtachd sa Ghearasdan, agus oileanach eile aig Colaiste Inbhir Nis air dearbhadh fhaighinn gu bheil am bhìoras orra.

Thuirt Colaiste Taobh Siar na Gàidhealtachd gu bheil an t-oileanach aca gu math is gu bheil iad agus ceathrar eile gan cumail fhèin fa leth bho dhaoine eile san àite-fuirich aca sa Ghearasdan.

Dh'innis a' Cholaiste gu bheil an sgioba aca a' cumail taic ris na h-oileanaich le biadh is eile.

Thuirt iad gu bheil iad ag obair leis a' chompanaidh Cityheart, a tha a' rùith nan àiteachan-fuirich, gus sùil a chumail air an t-suidheachadh agus airson dèanamh cinnteach gu bheilear a' leantainn stiùireadh an Riaghaltais.

Bha an t-oileanach ann an Inbhir Nis air a bheil am bhìoras an làthair aig clas aig Colaiste Inbhir Nis an t-seachdain seo chaidh.

Glanadh

Thathas a' tuigsinn gu bheil iad gu math is gu bheil iad gan cumail fhèin fa leth aig an taigh.

Chaidh innse do chòignear oileanach eile agus òraidiche cuideachd an cumail air leth.

Chuireadh oileanaich sa phàirt den togalach far an robh an clas dhachaigh Diluain gus an rachadh glanadh mionaideach a dhèanamh.

Thuirt Prionnsabal Colaiste Inbhir Nis, an t-Oll. Chris O'Neil, gu bheil iad ag iarraidh air na h-oileanaich uile a bhith furachail agus stiùireadh an Riaghaltais a leantainn.

Aig an dearbh àm, thuirt Ministear an Àird Fhoghlaim ann an Alba, Ridseard Lochhead, gur dòcha gum biodh an Riaghaltas deònach fhathast tallachan-còmhnaidh dha oileanaich na h-Alba a dhùnadh.

Tha an àireamh de chùisean Chovid-19 am measg oileanach gu nàiseanta fhathast a' dol am meud.