Dàil air Lìog na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Chan eil fios le cinnt cuin a thilleas Lìog na Gàidhealtachd.
Tha ceistean às ùr ann mu bhall-coise aig na h-ìrean as ìsle ann an Alba is dàil ga cur air Lìog na Gàidhealtachd.
Dh'innis an lìog nach tòisich seusan 2020/21 gu Disathairne an 28mh den t-Samhain aig a' char as tràithe.
Thuirt iad gun coinnich iad a-rithist tràth san t-Samhain.
Thèid co-dhùnadh an uairsin an tòisich an seusan ùr aig deireadh na mìos, no am bi sìneadh eile ann.
"Rinn Comataidh Stiùiridh na Lìge sgrùdadh faiceallach is mionaideach air an t-suidheachadh a th' ann agus bhathas a' faireachdainn gur e dàil a chur air an t-seusan an rud a b' iomchaidh", thuirt Lìog na Gàidhealtachd.
Luchd-taice
Bha an lìog air cur romhpa an toiseach an seusan ùr a thòiseachadh Disathairne an 17mh den Damhair.
Tòisichidh Championship, Lìog 1 is Lìog 2 ann an Lìog na h-Alba air an deireadh-sheachdain sin.
Bhathas an dòchas bho thùs gum biodh cead ann luchd-taice a leigeil a-steach an uairsin.
Le àrdachadh ann an cùisean de Chovid-19 gu nàiseanta, chan eil fios a-nise cuin a thig cead na pàircean fhosgladh.
Choinnich riochdairean bho Lìog na Gàidhealtachd, Lìog na Galldachd, agus Lìogaichean Taobh Sear, Siar is Ceann a Deas na h-Alba an t-seachdain seo chaidh is iad a' meòrachadh air dè cho fada agus 's urrainn dhaibh cumail a' dol gun luchd-taic a' pàigheadh aig na geataichean.