19 air an dearbhadh leis a' Chòrona-bhìoras an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Chaidh dearbhadh Dimàirt gu bheil an còrona-bhìoras a-nise air 19 ann an Uibhist, dithis a bharrachd na bh' ann Diluain.
Thuirt oifigich slàinte gu bheilear a' leantainn gach ceum gus smachd fhaighinn air a' bhìoras is gu bheil e cho cudromach 's a ghabhas gun lean daoine an stiùireadh oifigeil a thaobh Chovid-19.
Chaidh aon neach a thoirt dhan ospadal air tìr mòr agus feadhainn eile leis a' bhìoras gan cumail fhèin air leth.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gun robh iad air fios fhaighinn anmoch Diluain nach eil am bhìoras ach air aon neach-còmhnaidh ann an dachaigh-cùraim Taigh a' Chridhe Uile Naoimh ann an Dalbrog.
"'S e adhbhar toileachais a tha sin oir bha sinn gu math iomagaineach mu dheidhinn a' bhìorais a bhith ann an dachaigh-cùraim sam bith", thuirt Mgr Dòmhnallach.
Stiùireadh
Tha a' Chomhairle agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag iarraidh air an t-sluagh gach riaghailt a th' ann an-dràsta a leantainn.
"Tha sinn a' leantainn a h-uile ceum a th' ann airson smachd a chur air a' bhìoras ach tha e cho cudromach 's a ghabhas gun lean a h-uile duine anns na h-Eileanan an Iar bacaidhean Riaghaltas na h-Alba agus stiùireadh FACT", thuirt Stiùiriche na Slàinte Poblaich anns na h-Eileanan, Maggie Watts.
Thuirt am Bòrd Slàinte gu bheil fianais ann gu bheil an galair a' sgapadh eadar daoine anns a' choimhearsnachd an Uibhist.
"Tha sinn a' smaointinn gu bheil fios againn a-nise mu na daoine air an robh an galair 'sa chiad àite agus tha sinn air fios fhaighinn mu na daoine a bha faisg orra.
"Dh'iarradh sinn gum bi daoine mothachail 's ma thig comharran orra, fuireach air falbh bho dhaoine eile agus deuchainn fhaighinn.
"Tha daoine a' tighinn thugainn le comharran gach là agus tha deuchainnean gan dèanamh gach là", thuirt iad.
Sgoiltean
Chaidh sgoiltean Uibhist gu lèir a dhùnadh Diluain 'son trì là.
Thuirt ceannard foghlaim nan Eilean Siar, Bernard Siosalach, gun deach sin a dhèanamh air sgàth 's gu bheil Comhairle nan Eilean Siar airson a bhith cho faiceallach 's a ghabhas, an àite gun robh comharra sam bith ann gun robh am bhìoras air sgoilearan no a' sgaoileadh ann an sgoiltean.
Mura tig atharrachadh mòr anns na h-àireamhan dearbhte den bhìoras, thuirt Mgr Siosalach gu bheil e an dòchas gum fosgail na sgoiltean às ùr Diardaoin.
Thèid measadh a dhèanamh air an t-suidheachadh gach là.
Taic
Mura fosgail gach sgoil no cuid de sgoiltean, thathas ag obair air planaichean gus foghlam a thoirt seachad tro e-Sgoil agus air loidhne.
Eadar dà cheann Uibhist, tha gnìomhachasan air an dorsan a dhùnadh rè-ùine airson stad a chur air sgapadh a' bhìorais.
Dh'innis Tormod Dòmhnallach gu bheil gnìomhachasan eile anns na h-Eileanan gu lèir mothachail den t-suidheachadh is nach eil iad a' gluasad luchd-obrach a dh'Uibhist aig an ìre seo.
Tha buidhnean mar Resilient Uist cuideachd a' tabhann taic do dhaoine a tha feumach air cuideachadh.
Bu chòir fios a chur orra tro phost-d.
Tha am banca-bìdh ionadail cuideachd a' tabhainn taic is bu chòir fios a chur orra le a bhith a' fònadh seach tadhal.
Tha Ionad Spòrs Lionacleit air dùnadh Dimàirt is Diciadain leis mar a tha a' Chomhairle air na sgoiltean an Uibhist a dhùnadh.
Thèid fiosrachadh mun ionad spòrs fhaighinn air duileag Facebook, làrach linn agus App Spòrs na Comhairle.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An t-Sultain 2020
