Luchd-tadhail deatamach a-mhàin aig Ospadal Uibhist is Bharraigh

  • Air fhoillseachadh
làmhanTùs an deilbh, Getty Images

Chaidh casg a chur air daoine a bhith a' tadhal air luchd-dàimh ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh ach a-mhàin ma tha e deatamach.

Tha seo ri linn mar a tha an coròna-bhìoras air a bhith a' sgapadh ann an Uibhist thairis air grunn làithean.

Thuirt NHS Nan Eilean Siar gun robh iad a' dèanamh seo mar earalas.

Faodar tighinn dhan ospadal airson na h-adhbharan a leanas:

. inbhich a' tighinn a-steach le pàisde

. boireannach agus a cèile a tha a' cleachdadh sheirbheisean màtharail

. tadhal air cuideigin a tha a' tighinn gu deireadh am beatha, no ma tha trioblaidean inntinn leithid dementia orra

Dalabrog

Dh'iarr iad air daoine aig a bheil cead tadhal air euslaintich an làmhan a nighe agus còmhdach aodainn a chur orra.

Leanaidh coinneamhan a tha air an cur air dòigh le dotair no neach slàinte eile anns an ospadal mar bu chòir aig an ìre seo.

Dhùinn meur Ionad Dhotairean Bheinn na Foghla a tha stèidhichte ann an Dalabrog dà là san t-seachdain Dimàirt. Tha an luchd-obrach an sin ag obair leis a' bhuidheann Resilient Uist airson cungaidhean-leigheas a thogail bho Ionad nan Dotair ann am Beinn na Foghla.

Feumar bruidhinn ri Pòl Steele air 07976 416 811 airson cungaidhean-leigheas sam bith a chur air dòigh às a seo

Tha Ionad Mheadaigeach Uibhis a Deas a tha cuideachd ann an Dalabrog air teachdaireachd a chur air na meadhanan sòisealta ag ràdh gu bheil iad airson nas lagha de dhaoine a thighinn dhan Ionad.

Mar sin, thèid cungaidhean-leaghas a thoirt gu dachaidhean dhaoine 's bu chòir fònadh dhan ionad an toiseach an àite a bhith nochdadh ann.

Cha bhi ach seirbheis èiginn ri fhaighinn aig Seirbheis Fiaclaireachd Uibhist is Beinn nam Faoghla thairis air na beagan làithean a tha air thoiseach agus thuirt iad gun tèid sin atharrachadh aon uair 's gu bheil smachd aca air an sgapadh seo ann an Uibhist.

Cha bu chòir tighinn dhan fhiaclair gun a bhith a' cur fòn thuca an toiseach.

Ma tha daoine a' feitheamh air toradh bho dheuchainn Covid-19 cha bu chòir fònadh dhan dotair-teaghlaich.

Thèid toradh na deuchainn a thoirt seachad air am fòn agus cha bu chòir do dhaoine an taigh fhàgail gus am faighear an toradh.

Ma tha e dearbhte gu bheil Covid-19 air an neach, thèid iarraidh orra fuireach aig an taigh airson deich là.