Cùis Chovid aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn
- Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh air àireimh bhig de dhaoine aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn ann an Inbhir Nis iad fhèin a chumail fa leth airson cola-deug 's dùil gun robh iad faisg air neach air a bheil Covid-19.
Thuirt neach-labhairt do Chomhairle na Gàidhealtachd gun deach litrichean a chur a-mach gu coimhearsnachd na sgoile Dimàirt.
"Tha a' Chomhairle a' leantainn orra ag obair le Sgioba Dìon Slàinte NHS na Gàidhealtachd.
"Tha barrachd obair-glanaidh na an àbhaist ga dèanamh san sgoil agus tha i fhathast fosgailte," thuirt iad.