Cùis-lagh an aghaidh fear a bha na mhinistear

  • Air fhoillseachadh
Cùirt an t-Siorraidh, Steòrnabhagh
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh a thèid a' chùis air adhart

Chaidh cùis-lagh a chur air dòigh san t-Samhain aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh is fear a bha na mhinistear san Eaglais Shaoir fo chasaid cunntasan fuadan a chruthachadh air na meadhanan sòisealta airson triùir chlann-nighean a mhealladh le rùn fèiseil.

Tha Daibhidh MacDhòmhnaill, a tha 28 bliadhna a dh'aois, a' dol às àicheadh nan casaidean.

Tha a' chiad chasaid co-cheangailte ri rud a tha an Crùn ag ràdh a thachair ann an 2010 nuair a bha Mgr MacDhòmnaill, à Leòdhas, 18 bliadhna a dh'aois.

Tha an dà chasaid eile co-cheangailte ri na tha an Crùn a' cur às leth a rinn e air dithis bhoireannach eile - aon dhiubh a bha 16 bliadhna a dh'aois ann an 2015.

Tòisichidh a' chùis air an 24mh den t-Samhain le Daibhidh MacDhòmhnaill a' dol às àicheadh nan casaidean.