Geamannan nan Eilean air an cur dheth rè ùine
Chaidh a dhearbhadh nach bi geamannan eadar-nàiseanta nan eilean air an cumail a stamhradh an ath bhliadhna mar a bhathar an dòchas air sgàth's buaidh COVID-19.
Leis an sin cha bhi sgioba nan Eileanan Siar fo bhratach WIIGA a falbh a Ghuernsey mar a bhathar an dùil.
Bi aig Comunn Riaghlaidh Geamannan Eadar-naiseanta nan Eilean a-nis ri fuasgladh a lorg do gheamannan Ghuernsey, agus geamannan Arcaibh ann an 2023. Seo Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein.