22 cùis de Chovid-19 ann an Uibhist
Fuirichidh Sgoil Lionacleit agus Sgoil Dhalabroig ann an Uibhist dùinte gu às dèidh saor-làithean na Damhair.
Fosglaidh na sgoiltean eile Diciadain.
Tha 22 cùis de Chovid-19 a-nis dearbhte ann an Uibhist a Deas.
Chuirear ìmpidh air muinntir an àite riaghailtean a' Choròna-bhìorais a leantainn ann an oidhirp stad a chur air a' bhìoras bho bhith sgapadh builleach.
Ag aithris à Uibhist, seo Shona NicDhòmhnaill.