Cùmhnant ùr 'son cidhe Loch nam Madadh?
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid an cùmhnant airson leasachadh aig cìdhe Loch nam Madadh a-mach gu tairgse a-rithist agus Comhairle nan Eilean Siar a' beachdachadh air na roghainnean a th' aca airson am pròiseact a chrìochnachadh.
Thuirt a' Chomhairle ge-tà, gu bheil iad airson dàil ann a bhith a' cur crìche air a sheachnadh, agus gur dòcha gur e sin a thachradh nan cuireadh iad às dhan chùmhnant aig a' chompanaidh LM Keating, a tha ann le duilgheadasan mòra ionmhais.
Tha dàil mhòr mar-tha air an aiseag ùr a bhios a' cleachdadh a' chidhe.
"Nan tachradh sin, bhiodh e uaireigin mun Earrach an ath-bhliadhna, no toiseach an t-Samhraidh," thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail is Bun-structair Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.
Dàil
"Tha sin a' cur crìoch a' phròiseict a-steach bliadhna às dèidh sin.
"Chan eil fhios agam am faod mi a ràdh "gu fortannach" aig an ìre seo cha bhi an aiseag deiseil an uair sin co-dhiù mar a tha cùisean a' coimhead an-dràsta, so chan eil 's dòcha cuideam cho mòr air an obair a dhèanamh ann an cabhaig.
"Ach tha e a' dol a chur co-dhiù co-dhiù dàil de bhliadhna air a' phròiseact mar a bha sinn a' coimhead air an toiseach," thuirt e.
Thuirt fear-labhairt do Keating gu bheil iad ann an còmhradh ris a' Chomhairle agus gu bheil iad an dòchas aonta a dhèanamh 'son crìoch a chur air an obair ann an Loch nam Madadh.