Naidheachdan 11:00m

Lockdown

Thug Stiùiriche Clinigeach Nàiseanta na h-Alba rabhadh seachad gum biodh rud ris an canar Circuit Breaker a dhìth ma dh'fhaoidte, gus dèiligeadh ri suidheachadh a' Choròna-bhìorais an Alba. Tha seo a' tighinn agus 758 cùis air an dearbhadh anns an dùthaich an-dè. Thuirt an t-Oll. Jason Leitch gu bheil e cudromach gun tèid bacadh a chur air an ìre aig a bheil am bhìoras a' sgapadh.

Uibhist

Dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil cùisean dearbhte den Choròna-bhìoras a-niste cho fada tuath ri Beinn nam Fadhla. Thuirt àrd-oifigear a' Bhùird Shlàinte, Gòrdan Jamieson, an-raoir gun deach trì cùisean ùra de Chovid-19 a chlàradh. Tha sin a' toirt na h-àireimh gu lèir an co-cheangal ri sgapadh Uibhist a Deas gu 38.

Sasainn

Cha rachadh aig ministearan Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte innse cia mheud nach d' fhuair fios gun robh iad air a bhith faisg orrasan a fhuair dearbhadh de Chovid-19 an Sasainn, air sàilleabh thrioblaidean teicnigeach le siostam clàraidh a' bhìorais. Cha deach cha mhòr 16,000 cùis a chlàradh anns na figearan làitheil a thathas a' foillseachadh, ged a chaidh fios a chur air na daoine fhèin gun robh an Coròna-bhìoras orra.

Dòmhnall Trump

Thuirt labhraiche an Taighe Ghil gun deach a h-uile cùram a ghabhail gus leigeil leis a' Cheann-suidhe Trump a dhol air cuairt ann an càr taobh a-muigh an ospadail far a bheil e a' faighinn lèigheis airson Chovid-19. Rinn dotair bho Ionad Meidigeach Walter Reed ann am Bethesda càineadh air a' cho-dhùnadh, 's e ag ràdh gur e cleas poilitigeach gun chiall a bh' ann.

Rishi Sunak

Tha dùil gun can an Seansalair gu bheil atharrachadh mòr a' tighinn air an eaconomaidh air sàilleabh a' Choròna-bhìorais. Ann an òraid a bheir e seachad do cho-labhairt nan Tòraidhean, a tha ga cumail air-loidhne, tha dùil gun can Rishi Sunak nach deadh aige air a h-uile cosnadh a th' ann a ghlèidheadh. Tha dùil gun toir e gealltanas seachad ge-tà, gun tèid cuideachadh a thoirt do gach neach a th' airson cothroman ùra fhaighinn agus sgilean ùra a leasachadh.

Cineworld

Dhearbh Cineworld gun tèid na taighean-dealbh aca anns an Rìoghachd Aonaichte agus anns na Stàitean Aonaichte a dhùnadh gu h-eadar-amail bho Dhiardaoin, agus gum bi 45,000 cosnadh ann an cunnart air a shàilleabh. Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air a bhith a' fulang gu mòr air sàilleabh bhacaidhean a' Choròna-bhìorais ann a bhith a' cur crìche air filmichean mòra leithid James Bond, agus air na dh'fhaodas a dhol dha na taighean-dealbh gus filmichean fhaicinn.

Droch-Dhìol

Agus tha moladh ann airson smachd-bhannan nas cruaidhe orrasan air a bheileas an amharas a tha ri droch-dhìol san dachaigh ann am bile ùr le Riaghaltas na h-Alba. Ma thèid am bile troimhe leigidh e le uachdarain aig a bheil taighean-sòisealta aonta màil atharrachadh no a thoirt gu crìch gus leigeil le cuideigin a tha a' fulang fuireach anns an taigh.