24 cùisean de Chovid-19 ann an Uibhist
Tha Comhairle nan Eilean Siar air luchd-obrach à Leòdhas a chur gu Dachaigh-chùraim Taigh a' Chridhe Uile Naomh ann an Dalabrog leis gu bheil cuid den luchd-obrach ionadail far na h-obrach ri linn sgapadh a' Chorona-bhìorais ann an Ceann a Deas Uibhist.
Tha dithis à Sgoil Lionacleit cuideachd air dearbhadh fhaighinn gu bheil de Chovid-19 orra. Tha an sgoil fhathast dùinte.
Aig an aon àm tha ceistean air nochdadh mu shiostam deuchainn a' Chorona-bhìorais san sgìre, mar a tha Shona NicDhòmnaill ag aithris.