Naidheachdan 11.00m
Margaret Ferrier
Thuirt ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, agus an ceannard ann an Westminster, Ian Blackford, gum bu chòir do Mhargaret Ferrier a dreuchd mar Bhall-Pàrlamaid fhàgail. Chaill ball Ruadh-Ghleann agus Hamaltan an Iar a h-àite sa phàrtaidh, an dèidh aideachadh gu do shiubhail i às Alba gu ruige Westminster ged a bha coltas a' Choròna-bhìorais oirre. Rinn i òraid ann an Taigh nan Cumantan agus thill i a dh'Alba air an trèana an dèidh dearbhadh fhaighinn gun robh Covid-19 oirre. Thuirt i fhèin nach eil leisgeul sam bith ann airson na rinn i. Thuirt Poileas Alba an-diugh gu bheil iad air bruidhinn ri Margaret Ferrier, agus gu bheil iad ag obair air a' chùis còmhla ri Poilis Metropolitan Lunnainn.
Dòmhnall Trump
Tha mì-chinnt ann an iomairt taghaidh a' Chinn-Suidhe sna Stàitean Aonaichte le deabhadh gu bheil Covid-19 air a' Cheann-Suidhe Trump agus air a bhean Melania. Tha iad le chèile ann an cuarantain nan dachaigh anns an Taigh Gheal. Thuirt Dotair an Taigh Ghil, gu bheil iad gu math le chèile, agus gun cum an Ceann-Suidhe air a' dèanamh a chuid obrach.
Uibhist
Dh'èirich àireamh chùisean dearbhte a' bhìorais eadar Uibhist a Deas agus Èirisgeigh gu 31. Tha sin seachd a bharrachd air na bh' anns a' chunntas mu dheireadh. Thàinig am bhìoras air tuilleadh den luchd-obrach aig dachaigh cùraim Taigh a' Chridhe Uile-Naoimh ann an Dalabrog, agus tha luchd-obrach à Leòdhas a' gabhail an àite sin.
An Gearasdan
Agus tha dà chruinneachadh den bhìoras anns a' Ghearasdan, far a bheil dearbhadh air 15 cùisean.
An M8
Tha maill mhòr air luchd-siubhail ann am meadhan na h-Alba le rathad mòr an M8 dùinte an dèidh dà thubaist. Tha e dùinte gach taobh aig Ceann-rathaid 4 aig Harthill ann an Siorrachd Lannraig, agus faisg air làimh air an t-slighe dhan ear aig Ceann-rathaid 6 eadar Chapelhall agus Newhouse. Bidh an rathad dùinte san dà àite airson ùine fhathast a rèir nam Poileas.
Cidhe Loch nam Madadh
Thuirt Comhairle nan Eilean Siar nach cuir iad idir ma 's urrainn dhaibh an cùmhnant airson cidhe Loch nam Madadh a-mach gu tairgse a-rithist. Tha aithrisean ann gu bheil a' chompanaidh LM Keating ann an trioblaid an dèidh dhaibh falbh à Loch nam Madadh bho chionn còrr is dà mhìos. Ach tha dragh ann, ma dh'fheumas a' Chomhairle an cùmhnant a thoirt bhuapa gun cuir e tuilleadh maill air a' phròiseact. Thuirt fear-labhairt do Keating gu bheil iad ann an còmhradh ris a' Chomhairle, agus gu bheil iad an dòchas aonta a dhèanamh airson crìoch a chur air an obair ann an Loch nam Madadh.
Cùirtean Diùraidh
Tòisichidh cùirtean diùraidh ann an cùirtean Siorraidh na h-Alba a-rithist a dh'aithghearr ann an ionadan aig astar. Tha sin cleas na tha a' tachairt leis na h-Àrd-Chùirtean far a bheil diùraidhean a' cruinneachadh ann an taighean-deilbh airson fianais cùirte. Chuir Covid-19 maill airson ùine air obair cùirte, agus tha dùil ron Mhàrt an ath-bhliadhna gum bi còrr is 2,000 cùis a' feitheamh air diùraidh anns na cùirtean Siorraidh.
Eaglais na h-Alba
Agus tha a' chiad sheanadh bhiortail aig Eaglais na h-Alba a' tòiseachadh an-diugh. 'S àbhaist dha na ceudan cruinneachadh ann an Dùn Èideann a dheasbad chùisean na h-eaglaise, ach chuir Covid-19 gu seanadh air-loidhne iad am-bliadhna.