Covid-19 air luchd-còmhnaidh dachaigh chùraim an Uibhist
Chaidh a dhearbhadh gu bheil Covid-19 air còignear luchd-còmhnaidh aig Dachaigh Chùraim Taigh a' Chridhe Uile Naomh ann an Uibhist a Deas.
Anns an t-seachdainn bho nochd an Coròna-bhìoras san sgìre an toiseach, thàinig àrdachadh a dheich uimhir air an àireamh dhaoine air a bheil e. Tha e a-nis air 31 daoine.
Aig a' cheart-àm, dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu robh iad a' faighinn toraidhean deuchainnean a' Chorona-bhìorais an co-cheangal ris an sgapadh ann an Uibhist an ceann trì làithean sa chumantas.
Tha an tè-naidheachd againn ann an Uibhist Shona NicDhòmhnaill.