Stailc a' toirt buaidh air trèanaichean oidhche

  • Air fhoillseachadh
Caledonian SleeperTùs an deilbh, PA

Tha stailc am measg luchd-obrach thrèanaichean a' Chaledonian Sleeper a' toirt buaidh air seirbheisean air a' Ghàidhealtachd.

Thòisich stailc dà là aig 5.30f Didòmhnaich.

Tha an Gearasdan is Inbhir Nis am measg àiteachan air a bheil e a' toirt buaidh.

Thuirt aonadh an RMT nach tug Serco, a tha a' ruith na seirbheis, leapannan gu leòr do luchd-obrach airson nan amannan foise aca, 's nach do dhèilig iad ris an sgìths a bh' air an luchd-obrach ri linn seo.

Càineadh

Thug an t-aonadh slaic cuideachd air Riaghaltas na h-Alba is iad ag ràdh nach do rinn iad dad 'son an suidheachadh a rèiteach.

Dh'innis an RMT gu bheil astarachadh-sòisealta ga chur an sàs air loidhnichean piceid.

Thuirt Serco roimhe gur e briseadh dùil a bh' anns an stailc, 's gun robh iad air a h-uile rud a dh'fhaodadh iad a dhèanamh gus goireasan foise a thoirt do luchd-obrach air bòrd nan trèanaichean.

Tha dùil ri stailc dà là eile, a' tòiseachadh aig 5.30f Didòmhnaich seo tighinn.