Cluicheadair ùr eile 'son ICT
- Air fhoillseachadh

Dh'innis Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil iad air Kai Ceanadach a thoirt a-steach bho Rangers.
Tha Ceanadach, a tha 18 's a bhios a' cluich air cliathach na pàirce, a' tighinn dhan Ghàidhealtachd air iasad.
Chluich e 'son Òigridh Rangers an aghaidh ICT nas tràithe am bliadhna.
Tha e ann am buidheann sgioba na h-Alba Fo 19 'son dà gheama an aghaidh Shasainn an t-seachdain seo.
Bha Inbhir Nis mar-thà air Scott Allardice, Robbie Deas, Danny Devine agus Shane Suthurlanach a thoirt a-steach anns na seachdainnean mu dheireadh.
Cluichidh an sgioba a' chiad gheama farpaiseach aca ann an seachd mìosan oidhche Mhàirt nuair a thèid iad an aghaidh Hearts ann an Dùn Èideann ann an Cupa na Lìge.
County
Neartaich Ross County an sgioba acasan Diluain is Charlie Lakin a' tighinn air iasad bho Birmingham City.
Bidh Lakin, 21, ann an Inbhir Pheofharain fad an t-seusain. Tha e a' cluich ann am meadhan na pàirce.
Bha County mar-thà air Jermaine Hylton a thoirt a-steach bho Thobar na Màthar aig deireadh na seachdain.
Thàinig Hylton far na beingidh 'son na Staggies Didòmhnaich is iad a' call 2-0 ri Rangers ann an Glaschu.
Tha cothrom fhathast aig sgiobaidhean na buidhnean aca a neartachadh is uinneag an t-samhraidh a' dùnadh oidhche Luain.