41 cùis de Chovid-19 an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Tha 41 cùis de Chovid-19 a-nise ann an Uibhist.

Dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil dà chùis ùr co-cheangailte ris an sgaoileadh ann an Uibhist a Deas, a' toirt na h-àireimh gu lèir anns an sgaoileadh sin gu 40.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil cùis a-nise ann an Uibhist a Tuath, ach nach eil e ceangailte ri sgaoileadh Uibhist a Deas.

Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, a-rithist gum bu chòir do dhaoine an stiùireadh a thaobh Chovid-19 a leantainn is gur e sin an dòigh as fheàrr smachd fhaighinn air a' bhìoras.

Tha am bòrd-slàinte air bhideo, taobh a-muigh a sgaoileadh le barrachd mìneachaidh air an stiùireadh sin.

Casg

Aig an dearbh àm, dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil casg a-niste air tadhal air dachaighean cùraim ann an Uibhist a Deas is Uibhist a Tuath.

Ann am Barraigh, na Hearadh is Leòdhas, tha iad air tilleadh gu aon neach-tadhail ainmichte 'son gach neach còmhnaidh.

Thuirt a' Chomhairle gum feum iad cothromachadh a dhèanamh eadar luchd-còmhnaidh a dhìon bho Chovid-19, agus aon an aig àm a bhith a' cumail cheanglaichean teaghlaich is sòisealta a tha cho cudromach dhaibh fosgailte.

Dh'innis iad gu bheil iad airson a bhith cho faiceallach 's a ghabhas is gun tèid measadh a dhèanamh air an t-suidheachadh a-rithist.

Post

Tha an suidheachadh ann an Uibhist cuideachd air buaidh a thoirt air seirbheis a' phuist.

Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil grunn de luchd-obrach a' phuist gan cumail fhèin fa leth leis gun robh iad faisg air feadhainn air a bheil am bhìoras.

Dhearbh am Posta Rìoghail gu bheil Covid-19 air dithis den luchd-obrach aca ann an oifis Bhaile a' Mhanaich.

Thuirt iad gu bheil an dithis gan cumail fhèin fa leth aig an taigh.

Mhìnich am Posta Rìoghail gun deach glanadh mionaideach a dhèanamh ann an oifis Bhaile a' Mhanaich is gu bheil e fosgailte mar as àbhaist.

Thuirt iad gun robh fios aca bho thùs gun toireadh staing Chovid-19 buaidh air an t-seirbheis uaireanan ann an cuid de dh'àiteachan is daoine far na h-obrach.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag obair gu dìcheallach gus an t-seirbheis as fheàrr as urrainn dhaibh a thoirt seachad.

Gu nàiseanta, beachdaichidh caibineat na h-Alba Dimàirt air ceumanan ùra airson smachd a chur air sgapadh a' choròna-bhìorais.