Leasachadh mòr sa Mhargaidh Bhictorianaich
- Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tòisich obair gus leasachadh a thoirt air a' Mhargaidh Bhictorianaich ann an Inbhir Nis aig toiseach 2021.
Thèid an obair, a chosgas £1.6m, a dhèanamh ann an Talla na Margaidh, am pìos den mhargaidh a tha fosgladh a-mach air Sraid na h-Eaglaise.
Thèid na bùthan a th' ann an-dràsta a leagail. Thèid feadhainn ùra a chruthachadh timcheall air àite-suidhe.
Bidh taighean-beaga poblach ann cuideachd.
Thig an t-airgead bho Mhaoin Math Coitcheann Inbhir Nis agus Stòras Meadhan nam Bailtean.
Tòisichidh obair san Fhaoilleach 2021 agus thathas an dòchas gum fosgail an goireas ùr tràth ann an 2022.
Spionnadh
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad an dùil gun dèan an leasachadh feum mòr do mheadhan Inbhir Nis aig àm nuair a bhios e a' feuchainn ri faighinn seachad air buaidh Chovid-19.
"Chan e dìreach bùthan is taighean-bìdhe a tha sa Mhargaidh ach àite a th' aig cridhe na coimhearsnachd", thuirt Pròbhost Inbhir Nis, Eilidh NicIlleMhìcheil.
"Sa 150 bliadhna a dh'fhalbh tha a' Mhargaidh air tighinn tro chogadh, teine, crìonadh, farpais bho bhùthan mòra agus ceannach air loidhne, agus a-nise an coròna-bhìoras.
"Mar sin, tha e cudromach gun cuir sinn dìon air a' Mhargaidh 'son 150 bliadhna eile. Cuiridh na leasachaidhean seo spionnadh às ùr san àite", thuirt i.
Dh'innis a' Chomhairle gum faigh an fheadhainn le bùthan ann an Talla na Margaidh airgead-dìolaidh mar a chaidh aontachadh roimhe.
Chan eil an cùmhnant a' toirt a-steach nam pìosan eile den mhargaidh - an Queensgate is an Arcàid - is bidh iad sin fosgailte mar as àbhaist tron obair.
Bha pìos den mhargaidh dùinte fad trì an t-seachdain seo chaidh ri linn Chovid-19. Tha e a-nise fosgailte a-rithist.