Club Sòisealta Nis a' dùnadh rè-ùine
- Air fhoillseachadh

Dùnaidh Club Sòisealta Nis aig deireadh na mìos gus am bi bacaidhean a' choròna-bhìorais seachad.
Cho-dhùin a' chomataidh aig coinneimh shònraichte oidhche Luain nach robh e gu bhith seasmach fuireach fosgailte.
Tha an club air a bhith mar bhun-stèidh den choimhearsnachd airson 40 bliadhna.
Coltach ri iomadach àite eile tha e air fulang am-bliadhna ri linn Chovid 19.
Dùbhlain
Dh'fhosgail e a-rithist as t-samhradh nuair a bha e ceadaichte sin a dhèanamh, ach airson àite a tha a' tighinn beò air ceilidhean is dannsaichean bha dùbhlain ann cumail a' dol.
Chuir buill taic ri moladh na comataidh an club a dhùnadh aig deireadh na mìos gus am bi suideachadh a' choròna-bhìorais seachad is gum bi e comasach a thighinn còmhla a-rithist.
Thuirt a' chomataidh gu bheil seo airson an stòras airgid a tha aca sa bhanca a dhìon.
Caillidh ceathrar an cosnadh ri linn - aon neach làn-ùine is triùir pàirt-ùine.