Dòchas nach sgap Covid-19 ann an Uibhist a Tuath
- Air fhoillseachadh

Ged a chaidh a dhearbhadh gu bheil neach le Covid-19 ann an Uibhist a Tuath, chan eil a' chùis ceangailte ris an sgapadh ann an Uibhist a Deas, agus tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar an dùil nach sgaoil am bhìoras bhon chùis seo.
Thuirt am Bòrd Slàinte gur e cuideigin a tha a' tadhal air an eilean air a bheil am bhìoras.
Thuirt iad gu bheil an neach agus daoine a tha air a bhith faisg orra air a bhith a' cumail fa leth bho dhaoine eile.
Dh'iarr am Bòrd air a' choimhearsnachd a bhith faicealach agus deuchainn iarraidh ma nochdas comharran orra mar fiabhras, casad leantainneach neo càll fàileadh neo blas.
Tha an galair air 44 neach gu lèir ann an Uibhist.
A rèir Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Bheinn na Faodhla, Rona NicAoidh, tha uallach gu leòr air daoine gun lean an sgaoileadh sa choimhearsnachd.
"Tha na coimhearsnachdan cho faisg air a chèile cha mhòr gur e aon eilean a th' annainn agus ann an dòigh le seirbheisean, tha sinn uile a' cleachdadh na h-aon bhùithtean agus na h-aon bhanaichean a' toirt bathar thugainn.
"Feumar conaltradh math a bhith againn tro na coimhearsnachdan agus a' cleachdadh ghoireasan leithid 'Caraidean Uibhist' 'son a bhith cinnteach gu bheil sinn a' coimhead às dèidh a chèile", thuirt i