Naidheachdan 11:00m

An Coròna-bhìoras

Tha Caibineat Riaghaltas na h-Alba a' coinneachadh an-diugh a dheasbad riaghailtean nas cruaidhe airson dèiligeadh ri Covid-19. Thuirt Nicola Sturgeon an-dè gum feum iad maill a chur air a' bhìoras, agus gun caill daoine am beatha mura dèan iad dad. Tha iad a' beachdachadh, am measg rudan eile, air "circuit breaker" mar a theirear ris, airson maill a chur air an sgapadh.

Ionmhas

Nì ministearan ionmhais na h-Alba, na Cuimrigh agus Èireann a Tuath iarrtas còmhla an-diugh airson tuilleadh airgid à Westminster airson dèiligeadh ris a' bhìoras. Tha iad cuideachd ag iarraidh soilleireachaidh an dèidh dhan t-Seansalair Rishi Sunak buidseat an Fhoghair a chur an dara taobh.

Uibhist

Tha 41 cùis den bhìoras dearbhte ann an Uibhist. Tha sin trì a bharrachd air na bh' ann an-dè. Tha dhà dhiubh sin ceangailte ris an sgapadh aig deas, ach 's ann an Uibhist a Tuath a tha an treas cùis, agus chan eil ceangal aige sin ris na tha a' tachairt aig deas. Tha casg a-niste cuideachd air tadhal air dachannan cùraim na sgìre.

Dòmhnall Trump

Chaidh fàgail air a' Cheann-Suidhe Trump nach eil guth aige air cunnart bho Chovid-19 an dèidh dha tighinn a-mach às an ospadal san robh e agus e a' fulang leis a' bhìoras. Nochd Mgr Trump air balconaidh an Taighe Ghil gun masg air, agus thuirt e nach bu chòir eagal a bhith air daoine bhon bhìoras.

Na Tòraidhean

Nì Boris Johnson òraid do cho-labhairt nan Tòraidhean an-diugh, anns an geall e gum bi a h-uile dachaigh san Rìoghachd Aonaichte a' cleachdadh dealain bho thuathan-gaoithe aig muir an taobh a-staigh deich bliadhna. Canaidh e gun cuir an Riaghaltas £160m ri leasachadh chrann-gaoithe ùra, agus gun tèid an t-airgead a roinn eadar Alba, ceann a tuath Shasainn agus a' Chuimrigh.