Harvard a' dol às aicheadh ceangail ri uachdaranas an duine ghil

Chaidh Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Harvard sna Stàitean Aonaichte às àicheadh bho chionn ghoirid gu bheil gnothach sam bith aca ri uachdaranas an duine ghil.

'S e rud a th' ann a chaidh fhàgail orra roimhe seo cuideachd.

Rinn an t-oilthigh soilleir gur ann ri cànan agus litreachas nan dùthchanan Ceilteach a-mhàin a tha ceangal aca agus gu bheil iad fosgailte do chinneadh sam bith.