Iomagain air taighean-òsta
- Air fhoillseachadh

Tha gnìomhachas na h-aoigheachd ag ràdh gu bheil iomagain orra mun bhuaidh a dh'fhaodadh riaghailtean ùra a thaobh Chovid-19 a thoirt orra.
Tha dùil gum foillsich am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, ceumanan ùra Diciadain feuch stad a chur air sgaoileadh a' bhìorais.
Rinn i soilleir mar-thà nach tèid làn lockdown a chur an sàs às ùr.
Thuirt i nach tèid iarraidh air daoine fuireach a-staigh, nach tèid casg siubhail a chur an sàs, is nach tèid na sgoiltean a dhùnadh taobh a-muigh nan làithean-saora.
Bacaidhean
Ach dh'innis i gur dòcha gum bi bacaidhean ann aig ìre ionadail ann an sgìrean le ìrean nas àirde den Choròna-bhìoras.
Tha òstairean ag ràdh gum faodadh bacaidhean mar sin agus mì-chinnt mu thimcheall orra bualadh orra gu dona.
"Tha sinn mar as trice làn tro làithean-saora na Dàmhair agus 's e àm gu math cudromach a th' ann dhuinn", thuirt Cathraiche Comann Thaighean-òsta Inbhir Nis, Emmanuel Moine, a tha cuideachd na mhanaidsear air Taigh-Òsta a' Ghlinne Mhòir sa bhaile.
"Tha taighean-òsta air dùnadh. Tha sinn feumach air luchd-tadhail is tha sinn feumach air soilleireachadh bhon Riaghaltas.
"Ma tha iomagain air duine, cha tig iad", thuirt e.
Chaidh draghan a nochdadh cuideachd san Eilean Sgitheanach.
"Cianail"
Tha Anne Gracie Gunn na ceannard air buidhinn aig a bheil trì taighean-òsta san Eilean.
"Tha daoine a' cur dheth nan làithean-saora aca fad an t-siubhail.
"Tha sinn le cion mhisneachd cuideachd. Chan eil fios agam dè tha a' dol a thachairt a-màireach no an earrar, an ath-sheachdain no an ath-mhìos.
"Tha e cianail airson an luchd-obrach cuideachd", thuirt i.