Slaic ùr a thaobh Àranais

  • Air fhoillseachadh
Àranais

Tha buidheann ghnìomha a chaidh a stèidheachadh airson Gàradh Àranais ann an Leòdhas a bhrosnachadh ag iarraidh gun tèid companaidh ùr a thoirt a-steach airson an goireas a ruith.

Chaidh Gnìomh airson Àranais a stèidheachadh air a' mhìos seo chaidh is iad ag ràdh gu bheil iad airson an gàradh a shàbhaladh.

Tha iad ag ràdh gu bheil feum air iomairt den leithid às dèidh mar a dh'fhailich air BiFab gin de na cùmhnantan an lùib leasachaidh mhòir Seagreen fhaighinn.

'S ann do chompanaidhean Sìonach agus Arabach a chaidh na cùmhnantan airson na clàran uile 'son na tuath-gaoithe, luach £3bn, a tha ga togail sa Chuan a Tuath.

'S ann le Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a tha Gàradh Àranais is iad ga leigeil a-mach air màl an-dràsta do BhiFab. Tha BiFab fhèin fo smachd na companaidh DF Barnes.

Tha Gnìomh airson Àranais ag ràdh nach urrainn cùisean leantainn mar a tha iad agus gum feum HIE rudeigin a dhèanamh.

Cothrom

Thuirt Iain MacLeòid bhon bhuidhinn-strì gu bheil goireasan math sa ghàradh is cothrom obair a thàladh ann.

"Tha HIE ann an cùmhnant le BiFab is BiFab a' pàigheadh màl dhaibh", thuirt Mgr MacLeòid.

"Tha iadsan, mar a tha sinn a' coimhead, gu math dòigheil suidhe air ais ged a bhiodh obair sa ghàradh no nach biodh.

"Tha sinne a' cumail a-mach gum biodh companaidhean eile a-muigh an siud a ruitheadh an gàradh tòrr na b'fheàrr.

"Bu chòir dhaibh leigeil le companaidh eile a chuireadh obair a-steach dhan ghàradh sin a dhèanamh, an àite a bhith ga fhàgail mar a tha e aig BiFab agus DF Barnes", thuirt e.

Leasachadh

Thuirt HIE gu bheil iad air tòrr airgid a chosg air Àranais is gu bheil iad ag obair gus cùmhnantan a thàladh.

"Tha sinn air £23m a chosg air Raon Gnothachais Àranais, a tha na phàirt den ghàradh", thuirt manaidsear sgìreil HIE anns na h-Eileanan an Iar, Raonaid NicCoinnich.

"'S e goireas cudromach a th' ann dhan sgìre agus tha e ann an suidheachadh fìor mhath cùmhnantan fhaighinn ann an roinn na cumhachd.

"Tha sinn bho chionn ghoirid air a' chidhe, na seirbheisean agus am bun-structar san fharsaingeachd a leasachadh.

"Tha sinn ag obair le com-pàirtichean gus obraichean maireannach a stèidheachadh aig an làraich, rud a tha cho cudromach 's a ghabhas 'son eaconomaidh nan Eilean", thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo