Fàilte air sgioba poilis ùir

  • Air fhoillseachadh
PoilisTùs an deilbh, Poileas Alba

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air an an naidheachd gun tèid sgioba poilis ùr a stèidheachadh an Inbhir Nis airson leasachadh a thoirt air seirbheisean 101 agus 999.

Dh'innis Poileas Alba gum bi 25 oifigear le eòlas ionadail a thaobh sgìrean iomallach agus choimhearsnachdan eileanach ag obair san sgioba.

Thèid measadh nas doimhne a dhèanamh air gach brath, agus bidh barrachd roghainnean ann 'son taic a thoirt do dhaoine a tha a' fònadh.

Chaidh sgiobaidhean mar seo a stèidheachadh mar-thà ann am pàirtean eile den dùthaich.

Chaidh ionad stiùiridh nam Poileas ann an Inbhir Nis a dhùnadh bho chionn dà bhliadhna is seirbheisean gan toirt còmhla ann an Dùn Dè.

Bha connspaid ann is cuid a' togail dragh gun robh eòlas ionadail cudromach ga chall.

Chaidh Poileas Alba às àicheadh gu bheil an sgioba ùr a' sealltainn gun robh iad air mearachd a dhèanamh.

Thuirt iad gur ann a' neartachadh siostam nan gairmean a tha iad.

Fàilte

Tha an Comh. Mata Reiss, a bha e fhèin uair aig àrd-ìre anns na Poilis, ag ràdh gur e ceum air adhart a th' ann.

"Tha 20 cosnadh ùr an lùib seo", thuirt an Comh. Reiss.

"Tha mi a' smaointinn gur e modail a th' ann a bhios a' freagairt air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

"B' fheàrr le cuid de dhaoine a bhith a' bruidhinn ri oifigear air a fòn seach càr poilis tighinn chun an dorais.

"Tha na Poilis air obair mhòr a dhèanamh air an t-siosam is tha na oifigearan air trèanadh sònraichte fhaighinn. Tha mi misneachail gun soirbhich leis", thuirt e.

Thuirt Poileas Alba nach eil atharrachadh anns an dòigh sa bheil daoine a' cur fios orra le bhith a' fònadh 999 ann an èiginn, no 101 'son chùisean eile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh