"Tomhais de mhisneachd" an Uibhist

  • Air fhoillseachadh
Covid-19

Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, gu bheil "tomhais de mhisneachd" ann a thaobh sgapadh Chovid-19 ann an Uibhist.

Chaidh aon chùis ùr a dhearbhadh san sgaoileadh ann an Uibhist a Deas, Èirisgeigh agus Beinn nam Fadhla, a' toirt na h-àireimh gu lèir san sgaoileadh sin gu 46.

Tha cùis eile ann an Uibhist a Tuath nach eil co-cheangailte ris an sgaoileadh aig deas.

Thuirt Mgr Jamieson gum bu chòir dhan a h-uile duine ann an Uibhist leantainn orra leis na ceumannan a th' ann feuch smachd fhaighinn air a' bhìoras.

Thug e taing dhan t-sluagh 'son na rinn iad thuige seo.

"Slighe nas dòchasaiche"

"Tha tomhais de mhisneachd againn le aon chùis ùr", thuirt Mgr Jamieson.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine cumail orra le còmhdach aodainn a chleachdadh, àiteachan trang a sheachnadh, is làmhan is eile a nighe gu tric.

"Cum astar-sòisealta, is dèan cinnteach gun cum sibh fa leth is gun cuir sibh deuchainn air dòigh sa bhad ma nochdas comharran idir den bhìoras.

"Tha mi a' toirt taing dhan a h-uile duine 'son na rinn iad, is tha sinn an dòchas gu bheil sinn air slighe nas dòchasaiche a-nise", thuirt e.

Aig an dearbh àm, chaidh 11 chùis ùr de Chovid-19 a chlàradh ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd Diardaoin.

Thig riaghailtean ùra a thaobh a' Choròna-bhìorais a-steach aig 6:00f Dihaoine.

Tuilleadh air an sgeulachd seo