Loganair air seirbheis a ghearradh

  • Air fhoillseachadh
Loganair

Dh'innis a' chompanaidh adhair Loganair gu bheil iad a' gearradh seirbheis eadar Inbhir Nis is Sealtainn tron gheamhradh air sgàth staing Chovid-19.

Thuirt iad gu bheil crìonadh mòr ann an àireamhan luchd-siubhail eadar Inbhir Nis agus Sumburgh a' fàgail nach robh roghainnn eile aca ach cur às dhan t-seirbheis aig an ìre seo.

Tillidh an t-seirbheis sa Mhàrt.

Thuirt Loganair gun deach fios a chur air daoine a bha air siubhal a chur air dòigh air na seirbheisean air an toir an co-dhùnadh seo buaidh.

Dh'innis a' chompanaidh gu bheil iad an-drasta 'son prìomhachas a chur air slighean nas trainge.

Inbhe PSO

"Bha àireamhan air an t-seirbheis seo air tuiteam gu h-uabhasach", thuirt Àrd-stiùiriche Loganair, Ionatan Hinkles.

"Feumaidh sinn a bhith ag amas air barrachd sheirbheisean seasmhach a thoirt seachad, seach farsaingeachd de shlighean le nas lugha de sheirbheisean.

"'S e sin dìreach an suidheachadh a th' againn leis mar a tha àireamhan air tuiteam, seach rud a bha sinn 'son dèanamh", thuirt e.

Tha cuid mar-thà air dragh a thogail mun chùis.

Thuirt am BPA Làbarach Gàidhealach, Rhoda Ghrannd, gur e buille mhòr a tha seo do dhaoine a bhios a' siubhail eadar Inbhir Nis is Sealltainn.

Thuirt i gur e seirbheis riatanach a th' ann pandemic ann no às, is gu bheil an suidheachadh a' sealltainn mar a tha feum air inbhe PSO a chur air barrachd shlighean.