Maoineachadh air aontachadh do Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm
- Air fhoillseachadh

Chaidh a dhearbhadh gun tèid Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm a chàradh.
Chaidh a dùnadh san t-Sultain 2018 ri linn laigsean san structar. Bha deasbad ann bhon uairsin air dè bu chòir dèanamh leis an rèile.
Tha aonta ann a-nise air còrr air £20.5m de mhaoineachadh airson Ionad Spòrs Sneachda a' Chàirn Ghuirm.
Thèid mu £16m dheth a chosg a' càradh na rèile-beinne.
Thèid an còrr den airgead a chosg air bun-structar eile a leasachadh aig an làraich.
Luchd-turais
'S ann bho Riaghaltas na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a thig an t-airgead.
Tòisichidh obair air a' mhìos seo fhèin is thathas an dòchas gum bi an rèile fosgailte a-rithist sa gheamhradh an ath-bhliadhna.
Tha an rèile a' ceangal bun-stèisean air a' bheinn ri taigh-bìdhe agus raon sgithidh 1,097m (3,599tr) gu h-àrd.
Tha an rèile ga faicinn mar fhear de na prìomh rudan a tha a' tàladh luchd-turais chun na sgìre - a tha a' crochadh gu mòr gu h-eaconomach air turasachd agus cur-seachadan air a' bhlàr a-muigh.
Fhuair HIE, leis a bheil an rèile, cead-dealbhachaidh airson a càradh bho Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh na bu thràithe am-bliadhna.