Naidheachdan 11:00m

Sasainn

Tha na Làbaraich ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte innse carson nach do ghabh iad comhairle eòlaichean air gum bu chòir riaghailtean gu math nas cruaidhe a stèidheachadh airson feuchainn ri smachd a chur air a' Choròna-bhìoras ann an Sasainn. Tha e air tighinn am follais gun do dh'iarr luchd-comhairleachaidh saidheansail an riaghaltais bho chionn trì seachdainnean lockdown goirid "circuit breaker" fad cola-deug ann an Sasainn, ach gun do dhiùlt an riaghaltas sin. Thuirt Rùnaire nan Coimhearsnachdan, Robert Jenrick, gun do ghabh an riaghaltas ceumannan cothromach a thug aire dhan eaconomaidh agus do shlàinte.

Crìoch na Cuimrigh

Thuirt Prìomh Mhinistear na Cuimrigh, Mark Drakeford, gum faodadh e crìochan na dùthcha a dhùnadh gus nach bi daoine a' tighinn às na sgìrean as miosa le Covid-19 ann an Sasainn. Thuirt e, mura dèan Boris Johnson sin, gur dòcha gun dèan esan e.

Cion-cosnaidh

Dh'èirich cion-cosnaidh air feadh Bhreatainn dhan ìre as motha ann an trì bliadhna le buaidh a' bhìorais air an eaconomaidh. Bha ìre a' chion-cosnaidh aig 4.5% anns na trì mìosan dhan Lùnastal. Bha mu 1.5m duine gun obair - còrr is 200,000 a bharrachd air na bh' ann aig an àm seo an-uiridh. Bha an ìre Albannach cuideachd aig 4.5%, le 124,000 a' sireadh obrach.

An A82

Chaill boireannach òg a bha 23 bliadhna de dh'aois as beatha ann an tubaist anns an robh dà chàr air rathad an A82 faisg air Druim na Drochaid feasgar an-dè. Chaidh dithis eile a thoirt dhan ospadal ann an Inbhir Nis. Chaidh fear dhiubh sin, fireannach a tha 27 bliadhna de dh'aois, a dhroch ghoirteachadh, ach tha e coltach nach eil a bheatha ann an cunnart.

Taigh-tasgaidh Gheàrrloch

Tha Taigh-tasgaidh Gheàrrloch air taobh siar Rois am measg na chaidh ainmeachadh mar thaigh-tasgaidh na bliadhna. 'S àbhaist nach bi a' faighinn na duais ach aon àite, ach mar aithne air an trioblaid a rinn Covid-19 dhaibh am-bliadhna, thèid an duais de £200,000 a roinn eadar còig ionadan-tasgaidh. Ghluais Taigh-tasgaidh Gheàrrloch gu làraich ùir an-uiridh - seann bhuncair leis an Arm, an dèidh dhan choimhearsnachd faisg air £2.5m a thogail airson a leasachadh.