Dùbhlan eile do dh'Alba
- Air fhoillseachadh

Tillidh Alba gu Hampden Didòmhnaich airson geam ann an Lìg nan Dùthchannan
Às dèidh deuchainn neart-inntinn an aghaidh Iosrael, tha dùbhlan eile air thoiseach air Alba.
Às dèidh còrr 's 120 mionaid de phian do chasan chluicheadairean na h-Alba, agus do shlàinte luchd-taic nan dà dhùthaich, shoirbhich le sgioba Steve Chlarke an aghaidh Iosrael.
Cha do dhealaich 90 mionaid agus ùine a bharrachd na h-Albannaich bho na h-aoighean, ach 's e cuairt play-off deuchainn de chomas-inntinn aig a' cheart àm ri neart corporra.
Ma 's e comas-inntinn slat-tomhais na h-oidhche, 's iad na h-Albannaich a dhearbh gur e iad a b'fheàrr dhen dà sgioba nach do rinn an gnothach air tadhal a chur ann an geam a bha cho gann de chothroman 's a bha e de luchd-taic.

5-3 do dh'Alba air breaban-peanais, le oidhirp Kenny MhicIlleathain a' cur Alba troimhe dhan chuairt-dheireannaich aig play-offs EURO 2020.
Bidh sgioba Sherbia a' feitheamh orra ann am Belgrade.
Às dèidh oidhche de thoileachas aig Hampden, cha bhiodh coire air neach aig nach biodh cuimhne air na tha ri thighinn do dh'Alba ron phlay-off sin.
Bidh aig Alba ri dà gheam eile a chluich thar nan làithean ri thighinn ann an Lìg nan Dùthchannan.
Thig Poblachd nan Seic a Ghlaschu Diciadain, ach ron an sin 's iad Slobhagia a bhios nan aoighean aig Hampden.
Bheir na sgiobaidhean seo dùbhlain de sheòrsa eadar-dhealaichte bho gheam iomagaineach an aghaidh Iosrael.
Aig an aon àm, cha bhi an seòrsa cuideim air Alba anns an dà gheam ri thighinn mar a bha anns a' phlay-off.
Eu-coltach ris a' gheam sin, chan fheum Alba buannachadh air oidhche seach oidhche.
Tòisichidh na h-Albannaich aig mullach buidheann 2 de lìg B, le ceithir puingean bhon dà gheam aca thuige seo.
'S e puing aig an taigh an aghaidh Iosrael agus 3 puingean an aghaidh sgioba 'B' aig Poblachd nan Seic a tha air Alba a thoirt dhan t-suidheachadh anns a bheil iad.
Às dèidh soirbheachadh ann am play-offs na h-Euros - a' comharrachadh 6 geam gun chall - bhruidhinn Steve Clarke mu bhith cumail ruitheam a' dol.
Bidh e ag iarraidh sin a dhèanamh Didòmhnaich an aghaidh Shlobhagia.
Thàinig Slobhagia iad fhèin tro dheuchainn a thàinig gu crìch le breaban-peanais tron t-seachdain.
Às dèidh geama gun tadhal, shoirbhich leotha 4-2 an aghaidh Phoblachd na h-Èireann airson faighinn troimhe gu cuairt dheireannach EURO 2020.

Shoirbhich le Slobhagia 4-2 air breaban-peanais an aghaidh Phoblachd na h-Èireann airson cuairt-dheireannach play-off EURO 2020 a ruighinn
Chan eil cruth neo comasan sgioba Phavel Hapal coltach ri na chluich an aghaidh Alba air oidhche Chiadain.
Air cùl mòran dhe na bhios Slobhagia a' cruthachadh, tha Marek Hamšík.
Choisinn esan cliù thar còrr agus 10 bliadhna ann am bobhla phàirce San Paolo aig Napoli.
An-diugh 's ann aig Dalian Professional ann an Sìona a tha e a' cluich, ach le barrachd gheamannan agus barrachd thadhail na neach sam bith eile do Slobhagia, tha e fhathast aig cridhe dhòchasan a dhùthaich.
A' cur ris a' chunnart a tha Slobhagia a' tarraing ann am meadhan na pàirce, tha Albert Rusnák aig Real Salt Lake.
Thòisich esan aig aghaidh na sgioba an aghaidh Phoblachd na h-Èireann - rud a tha a' sealltainn an dà chuid cunnart chluicheadairean meadhan na pàirce aig Slobhagia, agus aon laigse anns an sgioba.
Chan eil ach triùir chluicheadairean aghaidh anns an sgioba.
Eatorra, tha iad air 5 tadhail a chur dhan sgioba.
Chan eil Alba air am beannachadh le mòran thadhail anns an sgioba nas motha ge-tà - 14 anns an sgioba air fad aig ìre eadar-nàiseanta.
Chluich Alba le dithis, Lyndon Dykes agus Oli McBurnie, aig an aghaidh tron t-seachdain.
Bidh aig Steve Clarke ri thighinn gu co-dhùnadh fuireach leis an dìthis sin, neo atharrachadh.
Chaill Clarke sianar chluicheadairean air sgàth 's gun robh iad air an goirteachadh neo air sgàth buaidh Chovid ron gheama an aghaidh Iosrael.
Bidh aige ri sgioba nas lugha, agus sgioba a bhios sgìth, a chleachadh ann an dòigh a tha freagarrach an dà chuid airson Slobhagia agus airson Poblachd nan Seic.
Bidh cothrom ann do leithid Ryan Friseal agus Lawrence Shankland tilleadh air ais dhan sgioba as dèidh a bhith air an goirteachadh iad fhèin, ach bidh aca ri àite a lorg ann an siostam a tha am manaidsear ag iarraidh a stèidheachadh.
Am measg nan ceistean a bha aig Steve Clarke ri fhreagairt as dèidh do dh'Alba buannachadh an aghaidh Iosrael, bha ceist mun t-siostam a thagh e; cumadh cumhang le triùir ann am meadhan na loidhne dion agus dithis gan dion, ach le wing-backs a dh'fheumadh obair gu cruaidh air na taobhan.
Thig siostam Chlarke fo sgrùdadh eile an aghaidh Shlobhagia an toiseach.
Am measg tòrr gheamannan a tha tighinn gu luath, bidh am manaidsear an dòchas gun seall an sgioba an aon seòrsa neart-inntinn 's a sheall iad an aghaidh Iosrael.