Iarrtas airson fiosrachaidh bho mhac bhancair a chaidh a mhuirt
- Air fhoillseachadh

Anndra, còmhla ri athair Alasdair, a mhàthair Veronica agus a bhràthair beag.
Tha mac bhancair a chaidh a mhuirt ann an Inbhir Narann ann an 2004 air iarraidh air duine sam bith le fiosrachadh mu na thachair dhol chun nam poileas leis.
Cha robh Anndra MacUilleim ach ceithir bliadhna a dh'aois nuair a chaidh athair, Alastair, a mhuirt le gunna air starsaich na dachaigh aca.
Cha deach duine a chur an grèim a-riamh.
Bidh 16 bliadhna ann an ath mhìos bho chaidh fireannach chun na dachaigh air Rathad a' Chorrain, agus dh' iarr e bruidhinn ri Alasdair MacUilleim.
Diogan às dèidh sin chaidh gunna a losgadh.
Bhàsaich Mgr MacUilleim greiseag às dèidh sin.
Chaidh an gunna lorg, ach cha deach am mortair.
Dealbhan
Tha Anndra MacUilleim a-nis air bruidhinn mun bhuaidh a thug bàs athair air.
'S e an aon chuimhne th' aige, athair na laighe aig an doras agus a bheatha a' tighinn gu crìch.
"Chan urrainn dhomh fhathast a chreidsinn ciamar a b'urrainn do dhuine sam bith m'athair a mharbhadh le gunna air ar starsaich fhèin agus mi fhìn agus mo bhràthair shuas an staidhre.
"Chan eil agam ach dealbhan agus cha bu chòir do theaghlach sam bith fulang san dòigh a dh'fhulaing sinne thar nam bliadhnaichean," thuirt e.

Tha Anndra MacUilleim ag ràdh gum faodadh fiosrachadh sa bith a bhith riatanach dhan rannsachadh.
Tha e ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh a dhol chun nam poileas.
"Le mar a tha bliadhnachan a' dol seachad tha adhartas ga dhèanamh ann an teicneolas. Tha càirdeasan a' briseadh.
"Tha fios aig cuideigin air rudeigin. 'S dòcha ron a seo bha iad dìleas ris an neach sin, ach 's dòcha nach eil iad cho dìleas riutha a-nis.
"Tha mi an dòchas gun tig cuideigin air adhart," thuirt Anndra.
Thuirt na poilis gun cum iad orra a' rannsachadh a' mhuirt, agus nach robh e uair sam bith ro fhadalach a dhol thuca le fiosrachadh.