Buidheann iomairt ag ràdh g'eil uidheamachd ga thoirt a-mach à Àranais

  • Air fhoillseachadh
Gàradh Àranais

Tha buidheann a tha ag iomairt airson gàradh togail Àranais ann an Leòdhas a dhìon ag ràdh gu bheil uidheamachd ga thoirt a-mach às a' ghàradh.

Thuirt Aonadh an GMB, a tha an sàs san iomairt, gu bheil feum air soillearachadh air an t-suidheachadh.

Chaidh Action For Arnish a chur air bhonn as dèidh dha thighinn am follais nach fhaigh BiFab, leis a bheil an gàradh, obair sam bith bho chùmhnant luachmhor airson tuath gaoithe Seagreen far chost an ear na h-Alba.

Tha eagal air a' bhuidhinn gum faodadh an làrach, a tha air a bhith na tàmh greis, dùnadh gu tur.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gun deach stuth a thoirt às a' ghàradh mar-thà agus gun tèid tuilleadh uidheamachd a thoirt air falbh 's na beagan làithean ri thighinn.

Thuirt iad gu robh dragh orra gur e ceum eile a bha seo a dh'ionnsaigh Àranais a bhith a' dùnadh gu tur agus gu robh e na chomharra nach robh BiFab a' feuchainn ri obair fhaighinn airson a' ghàraidh.

Obair

Dh'iarr iad nach deadh dad a' chorr a thoirt a-mach às a' ghàradh agus gum mìnicheadh BiFab am plana a th'aca airson Àranais san ùine fhada.

Thuirt Iain MacLeòid, bhon bhuidhinn, gu bheil iad a' faireachdainn gu bheil Àranais ga thoirt às a chèile aig àm nuair a dh'fhaodadh obair a bhith air fhaighinn a bhiodh buannachdail dhan eaconomaidh.

"Tha fios againn gu bheil e duilich obair fhaighinn le mar a tha cùisean an-dràsta agus gu bheil e gu math duilich a bhith a' farpais ri gàraidhean thall thairis.

"Ach tha barrachd obrach ann a thuilleadh air cùmhnantan ath-nuadhachail. Tha ola agus gàs ann, agus dì-coimiseanadh niuclasach," thuirt Mgr MacLeòid.

Tha am BBC an dòchas beachd fhaighinn bho BiFab Diluain.