Geàrr-chunntas sgrìobhte de naidheachdan 11:00m, le clàr-fuaime na chois.

Dh'iarr ceannard an SNP ann an Westminster, Iain Blackford, a-rithist an-diugh air a' bhall-phàrlamaid Margaret Ferrier a dreuchd fhàgail. Chaill ise a h-àite sa phàrtaidh air a' mhìos sa chaidh an dèidh dhi siubhal air trèana agus làn fhios aice gu robh Covid-19 oirre. Thuirt Ms Ferrier an-dè gu bheil i airson fuireach na ball-pàrlamaid do sgìre Ruadh Ghleann agus Hamilton an Iar. Thuirt i nach robh anns na rinn i ach 'blip' agus nach eil ann an riaghailtean a' Choròna-bhìorais ach butarras.

Bidh fiosrachadh aig Boris Johnson feasgar an-diugh air siostam aig trì ìrean 'son dèiligeadh ri Covid-19 ann an diofar sgìrean de Shasainn, an dèidh càineadh nach eil an siostam a th' ann soilleir. Innsidh am Prìomhaire do Thaigh nan Cumantan dè na roinnean agus na sgìrean air an toir sin buaidh. Tha dùil aig an ìre chunnart 's àirde gun tig air taighean-seinnse, casinos agus gyms dùnadh agus gum bi baile 's sgìre Liverpool aig an ìre as àirde cunnart bhon chiad dol a-mach.

Chuir còrr 's ceud duine aig am bheil, no a tha a' ruith, thaighean-òsta ann an Alba, an ainm ri litir ag iarraidh air Nicola Sturgeon riaghailtean ura a' Choròna-bhìorais atharrachadh. Tha iad a' gearan air na riaghailtean ùra, a thòisich Dihaoine seo chaidh, sa tha a ràdh nach fhaod taighean-òsta deoch làidir a reic ann an àiteachan poblach ri feadhainn a tha a' fuireach aca.

Tha mac a' bhancair Alasdair MacUilleim, ag iarraidh fiosrachaidh mu mhurt athar air starsaich na dachaigh ann an Inbhir Narann bho chionn 16 bliadhna. Loisg fear le gunna air Mgr MacUilleim agus cha d' fhuair na poilis a-riamh a-mach cò e. Thuirt Anndra MacUilleim, a tha fichead bliadhna de dh'aois a-niste, gum faodadh gu bheil, an dèidh 16 bliadhna, cuideigin deònach tighinn air adhart le fiosrachadh nach robh aig an àm.

Dh'iarr Comataidh an Sgrùdaidh Phoblaich ann am Pàrlamaid na h-Alba soilleireachadh air taic-airgid Riaghaltas na h-Alba do Bhòrd na Gàidhlig. Tha dragh air a' chomataidh nach aithne dhan Riaghaltas dè tha iad a' faighinn airson a' bhuidseat còig millean not gach bliadhna a tha iad a' toirt dhan bhòrd. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil amasan soilleir ro Bhòrd na Gàidhlig agus gu bheil an aithisg bhliadhnail mu dheireadh a' sealltainn adhartais leis na chaidh iarraidh orra.