Ball-coise ann an linn Chovid

  • Air fhoillseachadh
Geataichean
Fo-thiotal an deilbh,

Tha luchd-taic a' tighinn tro na geataichean air a bhith na dhòigh cumail a' dol do chomainn ball-coise, agus na stèidh do dh'iomadh coimhearsnachd.

LeRuairidh Alastair MacIllFhinnein
BBC Spòrs

Bhon a bha òrdugh nan geamannan airson seusan ùr a bhuill-coise ann an Alba air fhoillseachadh, tha mòran air a bhith a' feitheamh airson an là a choinnicheadh dà sgioba ann am baile Ghlaschu.

Air a' cheann-là sin, chluicheadh dhà de na h-ainmean as sine ann am ball-coise na h-Alba airson trì puingean.

Gu dearbha, tha draghan air a bhith ann mu dheidhinn a bhith a' cluich a leithid de gheama às aonais luchd-taic, ach cho-dhùin na comainn a chluich a dh'aindeoin 's nach biodh luchd-leantainn a' tighinn tro na geataichean.

Ach cha b' e derby eadar Celtic agus Rangers a bha seo idir.

Bidh aig an tachartas sin ri fheitheamh corra là fhathast.

B' e seo geama eadar dà chomann nas sine na an derby a tha cho ainmeil ann an iomadh dùthaich.

Gun luchd-taic, agus às aonais cùmhnant telebhisein airson na comainn a chuideachadh tron àm dhuilich seo do bhall-coise na h-Alba, choinnich Partick Thistle agus Queen's Park aig Firhill ann an Cupa Lìog na h-Alba feasgar Disathairne.

Ged a bha na sgiobaidhean seo air an stèidheachadh ann an 1876 agus ann an 1867, chan eil iadsan - neo an luchd-leantainn aca - riamh air a bhith ann an suidheachadh coltach ri mar a th' againn sna làithean seo.

Cùmhnantan telebhisein

Ann an lìogaichean mòra na Roinn-Eòrpa, tha airgead bho na geataichean a' cunntais gu dearbha, ach tha cùmhnantan telebhisein air nàdar eaconomachd a' gheama aig an ìre as àirde atharrachadh gu tur.

Ann an iomadh dòigh, bha cuid de lìogaichean deiseil airson àm anns a bheil grèim aig saoghal bhiortual air rudan a b' àbhaist a bhith pearsanta.

Bidh barrachd a' coimhead air geamannan eadar Celtic agus Rangers air an telebhisean agus air-loidhne na thig tro gheataichean Celtic Park neo Ibrox.

Chan eil seo fìor dhan t-seann derby eile anns an aon bhaile.

Tha comainn aig ìrean eile a' crochadh air na thig a dh'fhaicinn nan sgiobaidhean aca, an dà chuid airson adhbharan eaconomach agus airson ceangal ris a' choimhearsnachd a chumail a' dol.

Chan eil sgeamaichean mòra air-loidhne neo seanailean telebhisein aig a' mhòr-chuid de chomainn idir.

Ach tha ceist ann a dh'fhaodar faighneachd; Mura h-eil neach ann airson coimhead air geama, carson a tha e air a chluich?

Coltach ris a' chraoibh a thuit gun neach ann ri cluinntinn, a bheil geama a tha air a chluich gun neach ga choimhead a' samhlachadh an aon rud ri geama far a bheil luchd-leantainn ag èigheach leis a h-uile breab den bhall?

Pàirc ball-coise
Fo-thiotal an deilbh,

Tha am Prìomh Stannd aig Firhill air a bhith na àite-amhairc do ghinealaichean, ach chan eil neach sam bith innte mun àm seo.

Nochd Thistle agus Queen's Park air an lèanaig bho dhiofar roinnean den phàirc; Thistle bhon Phìomh Stannd a tha air seasamh aig ceann an ear na seann làraich bho 1927, agus Queen's Park bho Stannd Jackie Husband aig a' cheann an iar.

Bha na h-aoighean sgeadaichte ann an èididhean a' comharrachadh gach geama ann an eachdraidh nan Spiders, le Thistle anns na lèintean buidhe agus dearg aca.

Seach mu fhichead neach-naidheachd agus corra neach-taic, cha robh ach na cluicheadairean agus coidsichean bhon dà sgioba an làthair.

Bha aig gach neach a nochd ri iad fhèin a chlàradh, a dhol fo dheuchainn-teothachd, agus ceistean slàinte a fhreagairt.

Cinn na fuaime

Aig an ìre seo den spòrs, chan eil suidheachain glèidhte chun na h-aon ìre 's a bhiodh aig pàircean nas motha, ach an seo bha aig gach neach ri fuireach anns an t-suidheachan aca, gun tighinn grèim nas fhaisge air daoine eile.

Le masgaichean air gach neach anns an stannd, chluinneadh am beagan a bh' ann barrachd bho na cluicheadairean air an lèanaig na chluinneadh na cluicheadairean fhèin bhon luchd-amhairc.

'S e a' chainnt dhathach fear de na rudan a chluinnear a bhuineadh do gheama àbhaisteach ann an suidheachadh àbhaisteach.

A dh'aindeoin cion na fuaime, bha 22 chluicheadair air a' phàirc agus bha geama ann ri bhuannachadh.

Pàirc ball-coise
Fo-thiotal an deilbh,

Fiù 's às aonais luchd-amhairc, bha geama ann ri bhuannachadh.

Às dèidh leth de bhall-coise às aonais tadhail agus gann de chothroman, 's iad Thistle a chaidh suas ìre anns an dàrna leth.

Chuir Joe Cardle dà thadhal seachad air Willie Muir airson dèanamh cinnteach gum fuiricheadh na puingean ann an iar-thuath baile Ghlaschu.

Mar a bhiodh mòran an dùil, 's e an sgioba bhon lìog as àirde a bhuannaich.

A bheil cion luchd-taic a' dèanamh diofar a thaobh na thachras air a' phàirc?

Bu toil leis an sgrìobhaiche seo corra gheama eile fhaicinn ro cho-dhùnadh sam bith, ach tha aon rud soilleir - tha geama ball-coise na thachartas anns am bi sgiobaidhean a' cluich airson a bhith a' cluich, agus airson buannachadh.

'S e seo cuideachd an rud a bhios a' cumail luchd-leantainn a' dol agus a' toirt buaidh air trum gach neach a bhios a' leantainn na h-iomairt; an droch-fhaireachdainn às dèidh call, ach cuideachd an toileachas às dèidh soirbheachadh.

Togail do luchd-leantainn

Ma bha aon rud soilleir mun gheama aig Firhill, 's e gu bheil na cluicheadairean iad fhèin nan luchd-leantainn an spòrs cuideachd.

A bharrachd air an sin, tha na nì na cluicheadairean sin air an lèanaig a' toirt togail do luchd-leantainn, chan e ged nach eil iad ann, ach gu h-àraid nuair nach urrainn dhaibh a bhith ann.

A' tilleadh chun na craoibhe a thuit gun neach ann ri cluinntinn, a bheil geama ball-coise fhathast cudromach gun neach ann ri fhaicinn?

'S e freagairt an neach-amhairc seo gu bheil an dòigh anns am bi luchd-leantainn aig a h-uile ìre fhathast a' coimhead airson mar a chaidh dha na sgiobaidhean aca na fhianais leis fhèin.

Ri linn cho mì-àbhaisteach 's a tha cùisean an-dràsta, tha sinn uile feumach air rudeigin a tha 'àbhaisteach', neo rud a tha a' tairgsinn ciall.

Aig àm nuair nach urrainn do luchd-leantainn falbh a dh'fhaicinn nan sgiobaidhean aca, tha geama cho sìmplidh ri ball-coise comasach air sin a thairgsinn.

'S dòcha gur e sin aon de na rudan as cudromaiche a rinn Thistle, Queen's Park, neo comann sam bith eile a tha a' cluich às aonais luchd-taic riamh.