Tagradh le mac Alasdair MhicUilleim

Rinn mac Alasdair MhicUilleim, a chaidh a mhurt air starsaich a dhachaigh ann an Inbhir Narann bho chionn sia bliadhna deug, tagradh airson fiosrachaidh mun mhurt.

Cha robh Anndra MacUilleim ach ceithir bliadnna de dh'aois nuair a chaidh athair a mhurt le gunna.

B' e seo a' chiad turas a bhruidhinn e gu poblach mu bhàs athar.

Tha Nicole Webber ag aithris.