Dòchas mu ghniomhachas na h-aoigheachd
Tha fear a bha 20 bliadhna a' ruith taighe-bìdhe shoirbheachail ann an Steòrnabhagh ag ràdh gu bheil adbhar ann a bhith misneachail mu na tha an dàn do ghnìomhachas na h-aoigheachd a dh'aindeoin 's gun do dh'fhàg èiginn a' Choròna-bhìorais gum b' fheudar dha an t-àite aige fhèin a dhùnadh buileach.
Tha Seumas MacCoinnich air obair ùr fhaighinn aig Colaiste a' Chaisteil far a bheil cùrsaichean gan tabhann a tha a' coinneachadh ri feumalachdan ùra na coimhearsnachd air sgàth Covid-19.
Chaidh Eilidh NicLeòid dhan cholaiste airson coinneachadh ris.