Comataidh ionadail a' Mhòid 2021 dol a bhith cruthachail
- Air fhoillseachadh

'S e Mòd bhiortail a th' ann am bliadhna, 's tha dùil gum bi Mòd na h-ath bhliadhna ann an Inbhir Nis
Tha a' chomataidh ionadail airson a' Mhòid Nàiseanta 2021 ann an Inbhir Nis ag ràdh gu feum iad a' bhith 'cruthachail' anns an dòigh a thogas iad airgead.
Cho luath 's a thàinig fios gur e Mòd bhiortail a bhiodh ann am bliadhna, chuir iad romhpa tòiseachadh ag ullachadh 'son Mòd na h-ath-bhliadhna agus dòighean ùra fhaighinn air airgead a thogail agus iad air an cuingleachadh le Covid-19.
A-rèir Iain Mhurchaidh Mhic a' Mhaoilein, a tha air a' chomataidh ionadail ann an Inbhirnis, bha iad cha mhòr air an targaid aca a ruighinn le a bhith cumail thachartasan mar ceilidhean agus brot is mìllsean, ach chaidh stad a chur air a sin leis nach urrainnear coinneachadh.
Tha iad a' beachdachadh air dòighean ùra airson airgead a thogail mar "crowd funding" is rudan mar sin.
"Tha sinn fortanach gun robh daoine deònach a bhith ag obair gu saor-thoileach còmhla rinn air a' chomataidh agus tha sinn taingeal dha na sponsaran againn is a' chomhairle cuideachd.
"Tha sinn an dòchas gum faigh sinn air Mòd Ionadail agus am Mòd Nàiseanta a chur air dòigh, ach feumaidh sinn stiùireadh an riaghaltais a ghabhail," thuirt e.