Neartachadh dìon agus spiorad

  • Air fhoillseachadh

Tha neartachadh a dhìth air dìon agus spiorad sgioba ball-coise Alba le geamannan mòra ri thighinn.

Bho chionn beagan agus bliadhan chluich Alba anns an Ruis ann an geama dearbhaidh airson EURO 2020.

Às dèidh a bhith co-ionnan aigh leathach slighe, chaich cùisean fada cearr do sgioba Steve Clarke anns an dàrna leth anns an Luzhniki.

Fhuair Artem Dzyuba tadhal dha na Ruiseanaich tràth anns an dàrna leth bho bhreab-oisean dhan a bhogsa.

Taisbeanadh

Às dèidh sin, cha mhòr gun robh Alba anns a gheama, leis an Ruis a taisbeanadh ball-coise luath anns an leth aig Alba.

Cha b'urrain dhan loidhne dìon air beulabh Dhaibhidh Marshall ach coimhead fhad's a chuir na Ruiseanaich oidhirp às dèidh oidhirp air an targaid.

4-0 aig deireadh a gheam, agus an call ann an Moscow a comharrachadh 4 geameannan càillte ann an sreath.

Bha Alba air 13 tadhal a leigeil seachad anns na geamannan sin. Gun togail air an cinn-thadhaill anns an sgioba, bha dìon na h-Alba ag adhbharachadh sàr-dhragh dhan sgioba.

Cluicheadairean ball-coise
Fo-thiotal an deilbh,

Bho chionn bliadhna, chuir an Ruis 4 seachad air Alba.

Cha robh sgioba Chille-Mheàrnag aig Steve Clarke aithnichte airson a bhith a' cluich sàr bhuill-coise buileach, ach bha iad doirbh ri am briseadh sìos.

B' e seo sgioba a bha gu math comasach air na loidhnichean aca a dhìon agus cùisean a dhèanamh doirbh do sgiobaidhean eile.

Moscow

Bhiodh aig Steve Clarke ris an aon phrionnsabal a stèidheachadh ann an cluicheadairean na h-Alba.

A-rèir na thachair ann am Moscow, bha tòrr obair ri dhèanamh air an sgioba fhàthast.

Anns na laithean a chaidh seachad ge ta, tha Alba air dà sgioba a chumail air falbh bhon tadhal aca.

An aghaidh Iosrael ann an cuairt play-off EURO 2020 agus an aghaidh Slobhagia ann an Lìog nan Dùthchannan, sheall Alba daighneachd anns an dòigh-dìon aca nach robh ri fhaicinn bho chionn bliadhna.

Bha gach Albannach, ged a bè Scott McTominay - a tha a' dèanamh math ann an meadhan an loidhne-dìon - neo Andaidh Considine - a nochd dha dhùthaich airson a chiad uair an aghaidh Slobhagia - a' coimhead ciùin agus cinnteach anns na ròlaichean aca.

Dà gheam as aonais tadhal a leigeil seachad, ach seachd geam a-nis as aonais call cuideachd.

Andy Considine
Fo-thiotal an deilbh,

Chluich Andy Considine anns an loidhne-dion aig Alba airson a chiad uair an aghaidh Slobhagia.

'S iad seo àireamhan a chuireas ri misneachd sgioba sam bith. Do sgioba a bha e air a bhi ann an cleachdadh tadhail furasda a leigeil seachad mar a bha na h-Albannaich bho chionn bliadhna, chan eil mòran nas prìseile na misneachd.

Air oidhche chiadain cuiridh Alba fàilte air Poblachd na Seice gu Pàirce Hampden airson crìoch a chuir air seachdain de gheamannan eadar-nàiseanta.

Riaghailtean

Leathach tron iomairt ann an buidheann 2 de Lìog B ann an Lìog nan Dùthchannan, 's iad Alba a tha aig bàrr na buidhne le 7 puingean.

Anns an dàrna àite anns an aon bhuidheann, tha Poblachd na Seic.

Bhuannaich Alba 2-1 an aghaidh sgioba 'B' aig na Seicaich.

Rinn COVID-19 agus riaghailtean a thaobh glasadh air falbh bho dhaoine eile sgrios air sgioba Jaroslav Šilhavý airson a gheam sin. Bi e fhèin a dhìth airson an dàrna geama eadar na sgiobaidhean airson na h-aon adhbharan a-rìthist.

Leis an sin, 's e leas-choidse an sgioba, Jiří Chytrý, a bhios os cionn chùisean dha na h-aoighean.

Fiùs an aghaidh sgioba a tha air a bhi cho troimh-chèile bho chionn ghoirid, bi fios aig Steve Clarke gu feum Alba a bhi a cheart cho làidir anns an loidhne dìon aca 's a tha iad air bhi an t-seachdain 'sa ma tha an sgioba airson 3 puingean eile a thogail agus iad fhèin a chuir ann an suidheachadh làidir am buidheann a bhuannachadh.

Clàr
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Alba aig bàrr buidhean Lìog nan Dùthchannan le 7 puingean.

Chan urrain do neach-leantainn sgioba na h-Alba, gun dad a ràdh mu dheidhinn na cluicheadairean, ach a bhi smaoineachadh mun gheam a bhios aig an sgioba an aghaidh Serbia an ath mhios airson faighinn gu EURO 2020.

Sunnd

Ged a chanas Steve Clarke nach eil e a smaointinn air adhart chun a gheam as motha a tha air a bhi aig an sgioba nàiseanta ann an iomadh bliadhna, chan urrain dha ach a bhi an dòchas gun ruig na h-Albannaich an dearbh gheam ann an deagh shunnd.

Ron an sin ge ta, bi aon dùbhlan eile ann an aghaidh Poblachd na Seic.

An ruig Alba 8 geam as aonais call? Bi Clarke an dòchas gu bheil e air an loidhne-dìon a neartachadh gu ìre far an urrain dha a bhi meadhanach cinnteach gun ruig.

A bharrachd air daighneachadh a thoirt dhan loidhne-dìon, tha aon atharrachadh eile a tha air tighinn air an sgioba anns na 12 mìosan mu dheireadh.

Aig deireadh a gheam an aghaidh Slobhagia, thuirt Ryan Friseil, a bha dìreach air tilleadh dhan sgioba nàiseanta; "Tha e na thoileachas a bhi an seo. Tha a h-uile neach ag iarraidh a bhi an seo agus 's e sin an rud as cudromaiche.

"S 'dòcha nach robh sin fìor roimhe airson adhbhar air choireigin, ach a-nis tha a h-uile neach ag iarraidh tighinn agus an dùthaich a riochdachadh" thuirt e.

Dìon a tha daighnean, agus spiorad làidir anns an sgioba. As dèidh toiseach tòiseachaidh làn thrioblaidan, chan b'urrain do Steve Clarke a bhi air barrachd iarraidh na sin agus e ag amas seachdain nan geamannan eadar-nàiseanta a chriochnachadh gu làidir.