Ag ullachadh airson Mòd 2021

Ged nach eil am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis am-bliadhna mar a bha dùil, tha a' chomataidh ionadail trang ag ullachadh airson Mòd na h-ath-bhliadhna a thèid a chumail anns a' bhaile.

Agus cha bheag an obair a tha na chois 's Covid-19 air casg a chur air cuid de na dòighean àbhaisteach airson airgead a thogail.

Tha Màiri Riddoch ag aithris.