Sgrùdadh mu bhuaidh Chovid-19 air sgìrean dùthchail

  • Air fhoillseachadh
TiriodhTùs an deilbh, Irvine Smith/Geograph

Tha sgrùdadh ùr ga dhèanamh faic dè a' bhuaidh a tha aig Covid-19 air sgìrean dùthchail na h-Alba.

Mairidh an rannsachadh le Oilthigh Dhùn Èideann ceithir seachdainnean agus bithear a' toirt sùil air a' bhuaidh a th' aig a' bhìoras - agus bacaidhean a' bhìorais - air slàinte-inntinn, ionmhas agus beatha shòisealta dhaoine.

A rèir an luchd-rannsachaidh ged nach robh àireamhan àrda de chùisean Covid-19 ann an sgìrean dùthchail an taca ri bailtean mòra - bha droch bhuaidh aig an Lockdown air na sgìrean sin a dh'aindeoin sin.

Thuirt am prìomh neach-rannsachaidh, an t-Oll. Dàibhidh Porteous bho Oilthigh Dhùn Èideann, gu bheil ùidh aca ann an coimhearsnachdan dùthchail leis gu bheil a' chuid as motha den fhiosrachadh a thathas a' faighinn an-dràsta a' tighinn bho bhailtean.

"Tha sinn gu math mothachail gu bheil coimhearnsachd dhùthchail mhòr againn ann an Alba agus tha trioblaidean sònraichte ann a tha a' toirt buaidh air na sgìrean a tha sin.

"Turasachd? A bheil iad ga h-iarraidh neo nach eil? Còmhdhail? Dè a tha a' tachairt mura h-eil carbad agad agus gu bheil thu a' crochadh air còmhdhail dùthchail?

"Aiseagan? Chaidh buaidh a thoirt orrasan. Tha an eaconomaidh dhùthchail cugallach co-dhiù agus tha e fo uallach mhòr an-dràsta," thuirt e.

Poileasaidh

Tha an rannsachadh, air a bheilear a' gabhail RuralCovidLife , taobh a-muigh agus a tha ann an riochd ceisteachain, fosgailte do dhuine sam bith nas sine na 16 bliadhna agus a tha a' fuireach ann an sgìre dhùthchail.

Tha Rhoda Meek an sàs ann an obair dhidseataich agus chroitearachd ann an Tioradh agus air buidheann-comhairleachaidh an sgrùdaidh.

Tha i an dòchas gun cuidich an rannsachadh an Riaghaltas ann a bhith a' cruthachadh poileasaidh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e riatanach gun cluinn sinn mun bhuaidh air a' choimhearsnachd dhùthchail sna sia mìosan mu dheireadh.

"Tha diofar dhùbhlan ann. Tha mi cinnteach gu bheil e air a bhith gu math dùbhlanach ann am bailtean. Tha e cuideachd air bhith gu math dùbhlanach ann an sgìrean dùthchail, 's dòcha ann an dòighean eadar-dhealaichte le cho sgapte 's a dh'fhaodadh coimhearsnachdan a bhith," thuirt i.