Naidheachdan 11:00m
Tha buidhnean a tha a' riochdachadh dhotairean agus nursaichean ag iarraidh siostam nas luaithe airson euslaintich a chur tro dheuchainn a' choròna-bhìorais agus dragh orra mu àrdachadh mòr anns na h-àireamhan a tha san ospadal. Tha Colaisde Rìoghail Dhotairean agus Lannsairean Ghlaschu ag ràdh gum feum deuchainn a dhèanamh cuideachd air feadhainn a tha a' fuireach sna sgìrean as miosa le Covid-19 ged nach biodh coltas a' bhìorais orra fhèin.
Tha dragh orra cuideachd gu bheil luchd-obrach nan dachannan cùraim a' feitheamh cho fada ri ochd latha airson co-dhùnadh nan deuchainnean acasan. Agus tha feadhainn a' cumail a-mach nach eil ionad nan deuchainnean ann an Glaschu , an Lighthouse Lab, a tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' ruith, air chomas dèiligeadh ris an t-suidheachadh.
Thàinig siostam riaghailtean ùra, aig trì ìrean, gu bith ann an Sasainn an-diugh airson feuchainn ri smachd a chur air a' bhìoras. Tha oifigich slàinte a' coinneachadh a dheasbad am bu chòir sgìrean eile riaghailtean nas cruaidhe a chur. 'S e sgìre Liverpool an aon àite san deach an ìre as àirde cunnairt, ìre 3, a stèidheachadh ach tha an riaghaltas a' beachdachadh air mòr-sgìre Mhanchester agus Lancashire a chur gu ire 3, còmhla ri Liverpool.
Tha dùil ri dearbhadh ann an Èirinn a Tuath an-diugh fhathast gum bi taighean-seinnse agus taighean-bìdh an sin a' dùnadh airson mìos agus sgoiltean airson dà sheachdainn, bho Dhihaoine. Agus tha e coltach gun tig air buthainnean cuideachd sguir de reic deoch làidir an dèidh ochd uairean de dh'oidhche.
Thuirt Àrd-oifigeach NHS nan Eilean Siar, Gordon Jamieson, gu bheil adhbhar misneachd ann an dèidh an dàrna latha ann an sreath nach robh cùis ùr idir dhen bhìoras ann an Uibhist. Tha an àireamh chùisean co-cheangailte ri sgapadh Uibist a' fuireach mar sin aig 48.
Thàinig rannsachadh eadar-nàiseanta dhan cho-dhùnadh gur e cion airgid ann an seirbheis na slàinte, dìth shiostam dheuchainnean agus droch shlàinte bunaiteach an t-sluaigh as coireach gun do dh'fhulaing an Rìoghachd Aonaichte cho dona sa chiad chuairt de Chovid-19. Rinn an sgioba bho Cholaisde Impereil Lunnainn sgrùdadh air àireamh a' bhàis ann an còrr agus fichead dùthaich agus fhuair iad gu robh Sasainn, a' Chuimrgh agus Alba am measg nan dùthchannan as miosa a thaobh diofar adhbharan bàis, agus Covid-19 am measg nan sin.