Ochd cùisean ùra de Chovid-19 air an dearbhadh an sgìre na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Am Prìomh Mhinistear

Tha am Prìomh Mhinistear air rabhadh a thoirt nach e seann daoine a-mhàin a tha a' faighinn bàis leis a' choròna-bhìoras agus i a' foillseachadh gun do chaochail 15 duine eile an Alba an dèidh dearbhadh gu robh iad leis a' bhìoras.

Thuirt Nicola Sturgeon gur e daoine fo aois 60 a bh' ann an cuid den fheadhainn a bhàsaich.

Ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd chaidh 8 cùisean ùra de Chovid-19 a chlàradh sna 24 uairean a dh'fhalbh.

Tha còignear leis a' choròna-bhìoras a' faighinn cùraim san ospadal.

Dhearbhadh dà chùis ùr den bhìoras ann am Moireibh.

Cha deach cùis ùr den ghalar a chlàradh sna h-Eileanan Siar airson an dàrna là ann an sreath.

Tha am Prìomh Mhinistear a' comhairleachadh do dhaoine tomhas a dhèanamh air cho riatanach 's tha an turas aca ma tha tha iad am beachd a' siubhal a-mach às an sgìre aca fhèin - gu h-àraid a-mach agus a-steach o mheadhan na dùthcha.