Naidheachdan 11:00m
Bidh ath-sgrùdadh aig Nicola Sturgeon an-diugh air riaghailtean Covid-19 ann an Alba. Chan eil dùil ri atharrachadh sam bith ach tuilleadh fiosrachaidh mu chleachdadh còmdhach aodainn. Tha e coltach gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' beachdachadh air casg air siubhal air ais 's air adhart à Sasainn, mar a chuir Riaghaltas na Cuimrigh an sàs, ged a tha Caidreachas Phoileas Shasainn agus na Cuimrigh ag ràdh nach gabh smachd cumail air na riaghailtean sin.
Bidh dearbhadh, an ceann leth-uair, aig Rùnaire Slàinte Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Matt Hancock, gu bheil Lunnainn a' gluasad bhon ìre as lugha cunnairt bho Chovid-19, Ìre 1, gu Ìre 2. Tha an t-atharrachadh, a thig gu bith aig meadhan-oidhche an ath-oidhche, a' ciallachadh gum faod taighean-seinnse agus taighean-bidh sa bhaile fuireach fosgailte gu 10:00f, ach nach fhaod daoine à diofar dhachannan measgachadh air taobh a-staigh dhorsan. Tha aithrisean ann gum faodadh e cuideachd mòr-sgìre Mhanchester agus Lancashire a chur dhan ìre as àirde, Ìre 3, an ceann beagan lathaichean. Tha Mèar Mhanchester, Andy Burnham, a' maoidheadh gun tèid e gu lagh ma thachras sin.
Tha Marstons, a' chompanaidh aig a bheil taighean-seinnse air feadh na Rìoghachd Aonaichte, am beachd còrr is 2,000 cosnadh a ghearradh. Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' sìor chall airgid fhad 's a tha bacaidhean a' bhìorais a' dol air adhart.
Tha ceannardan an Aonaidh Eòrpaich a' coinneachadh anns a' Bhruiseil an-diugh agus a-màireach a dheasbad nan còmhraidhean 'son malairt an dèidh do Bhreatainn an EU fhàgail. Thuirt Boris Johnson ri Cinn-suidhe a' Choimisein Eòrpaich agus Comhairle na h-Eòrpa an-raoir gu bheil esan gu math mì-thoilichte nach deach mòran adhartais a dhèanamh.
Spòrs Gàidhlig
Dh'aontaich Bòrd na Gàidhlig gum faod a' bhuidheann Spòrs Gàidhlig na mìltean Notaichean de thaic-airgid a chumail, airson an cuideachadh a' dèiligeadh ri buaidh a' Choròna-bhìorais. Thug am Bòrd £45,000 do Spòrs Gàidhlig an-uiridh 'son an stiùireadh gu dòigh-obrach nas coimearsalta. Thuirt am Bòrd nach eil e coltach an t-airgead fhàgail aig Spòrs Gàidhlig mu choinneimh buaidh Covid-19 air an cuid-obrach.