Mì-thoileachas ann am Muile
Tha muinntir Mhuile agus Eilean Ì air cuireadh a thoirt do Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, tadhal orra agus iad mì-thoilichte nach deach èisteachd ri beachd gun toireadh catamaran piseach air na seirbheisean aiseig aca.
Tha Comataidh Aiseagan Mhuile agus Eilean Ì ag ràdh gun do dhiùlt CMAL - dham buin bàtaichean ChalMac - sgrùdadh ceart a dhèanamh air catamaran, a bhiodh, tha iad ag ràdh, gu math freagarrach. Tha Calum MacAmhlaidh ag aithris.