Poilis ag iarraidh fiosrachaidh mu thubaist mhairbhteach

  • Air fhoillseachadh
Soidhne poilis

Tha na poilis airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic tubaist far an deach fear-baidhseagail a mharbhadh air an A85 faisg air a' Chrìon Làraich.

Thachair an tubaist le làraidh mu 5.30f Diluain.

Thuirt oifigearan gun robh am fear-baidhseagail, aois 74 bliadhna, a' siubhail chun iar aig an àm.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm, ach bhàsaich an duine aig làrach na tubaist.

Bha an rathad dùinte airson ochd uairean a thìde fhad 's a bha na poilis a' sgrùdadh na cùise.