Stòras Uibhist feargach mu sheirbheisean aiseig

  • Air fhoillseachadh
MV Lord of the Isles

Sgrìobh Stòras Uibhist gu Ministear na Còmhdhail agus CalMac is iad a' gearain gu bheil iad tric a' call na seirbheis eadar Loch Baghasdail agus Malaig nuair a tha trioblaid ann air slighean eile.

'S e sin an suidheachadh a th' ann an-dràsta às dèidh dha duilgheadas èirigh leis an MV Hebrides, a bhios a' seòladh eadar Ùige, an Tairbeart is Loch nam Madadh.

Leis an Hebrides air falbh dhan doc ann am Birkenhead, chaidh an Clansman a chur air an t-slighe aice agus chaidh an MV Lord of the Isles a ghluasad gu seirbheisean an Òbain.

Tha sin a' fàgail nach eil seirbheis idir eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

A rèir Stòras Uibhist, tha an dòigh 's a bheileas a' dèiligeadh ris a' choimhearsnachd ann an Uibhist a Deas truagh.

"Chan eil sinn toilichte idir leis an dòigh 's a tha iad a' sìor atharrachadh aiseag Loch Baghasdail agus a' fàgail dhaoine fad sheachdainnean gun aiseag idir a' ruith", thuirt Tormod MacAsgail, a tha na stiùiriche air Stòras Uibhist.

"Aig àm sam bith den bhliadhna tha e doirbh ach aig an àm seo, tha e maslach gu bheil daoine a tha a' fulang le àiteachan B&B is taighean-samhraidh, gum feum na daoine aca làithean a ghearradh far nan làithean-saora aca 'son is gum faigh iad air ais is air aghaidh.

"Chan urrainn do dhuine sam bith a tha a' sioftadh bathair dependadh air seirbheis Loch Baghasdail, chan eil e idir ann, thathar ga h-atharrachadh cho tric", thuirt e.

Uallach

Thuirt CalMac gu bheil uallach mòr orra an-dràsta.

"Tha sinn a' dol às àicheadh gu làidir nach eil sinn a' sealltainn spèis dha seirbheis Loch Baghasdail", thuirt Fionnlagh MacRath bho ChalMac.

"Tha gach slighe a th' againn cudromach ach feumaidh sinn prìomhachas a thoirt do chuid dhiubh nuair a tha sinn fo uallach.

"Chan eil bàtaichean a bharrachd againn idir, is nuair a chailleas sinn tè de na prìomh bhàtaichean againn, 's e am prìomh amas a th' againn gum faigh gach sgìre seirbheis.

"Gu mì-fhortanach, nuair a tha barrachd air aon phort ann an eilean no buidheann de dh'eileanan a tha ceangailte ri rathad, feumaidh sinn co-dhùnadh duilich a dhèanamh gus seirbheisean a dhìon.

"Gus seirbheis a chumail ri Uibhist a Tuath, Uibhist a Deas is Beinn nam Fadhla, tha sinn air an MV Clansman a chur eadar Ùige is Loch nam Madadh.

"Tha sinn duilich mun bhuaidh a tha seo a' toirt air cuid de phuirt is mun troimhe-chèile a tha na cois", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo