
'S e an soitheach am Maersk Connector a chuir an càball ùr air grunnd na mara.
Tha càball ùr dealain a tha a' ceangal Leòdhas agus na Hearadh ris a' ghriod nàiseanta air a dhol beò.
Tha an càball a' dol fon mhuir eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach.
Bhrist an càball a bh' ann san Damhair an-uiridh.
Bha Leòdhas agus na Hearadh bhon uairsin an eisimeil stèiseanan cumhachd ionadail airson an cuid dealain.
Thug an suidheachadh buaidh mhòr cuideachd air buidhnean eileanach le pròiseactan ath-nuadhachail a bha a' cur dealain chun a' ghriod, is na sgeamaichean aca nan tàmh.
Thòisich obair air a' chàball ùr aig toiseach na Lùnastail is tha an ceangal ùr a-nise air a dhol beò.
Ged a bha cuid anns na h-Eileanan an Iar ag ràdh gur e cothrom a bh' ann càball ùr nas motha a chur an sàs, tha am fear ùr comasach air 33kV a ghabhail, mar a bha an càball a bh' ann.
Dh'innis SSE gur e pròiseact mòr a bh' ann càball cho fada ri seo fhaighinn agus a chur an sàs air grunnd na mara.
Thuirt iad gun robh iad air an dòigh gun deach an obair a dhèanamh an ìre mhath sgiobalta.
Dh'innis SSE gu bheil obair a' leantainn air planaichean 'son càball 600MW a stèidheachadh eadar na h-Eileanan is Tìr-Mòr. Thuirt iad gum biodh càball eile 33kV eadar na Hearadh is an t-Eilean Sgitheanach am measg roghainnean a bhiodh ann mura teid an càball mòr air adhart.

Air bòrd am Maersk Connector.
Dh'innis Urras an Rubha agus Shanndabhaig, a bha am measg nam buidhnean le sgeamaichean ath-nuadhachail air an tug an suidheachadh droch bhuaidh, gur e "faochadh mòr" a th' ann gu bheil an càball ùr a-nise deiseil is gur e bliadhna gu math duilich a bh' aca.
Thuirt iad ge-tà, gum bi treis fhathast mus tèid aca air taic-airgid a thoirt do charthannas agus pròiseactan coimhearsnachd.
"Tha e a' dol a thoirt ùine mus fhaigh sinn air ais dhan aon ìre aig an robh sinn mus do bhrist an càball", thuirt manaidsear an urrais, Dòmhnall Iain MacSuain.
"Ged a fhuair sinn air cumail na companaidh a' dol, bha sinn gu math fortanach gun robh airgead air ar cùl.
"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach a-nise gum bi an aon suim airgid agus barrachd air ar cùl mus tòisich sinn a' caitheamh an airgid sa choimhearsnachd a-rithist.
"Tha e a' ciallachadh nach bi sinn a' toirt airgid sam bith seachad 'son shaoilinn co-dhiù bliadhna. An uair sin bheir sinn sùil eile air dè mar a tha na buidseatan againn a' dol", thuirt e.
Dh'innis Mgr MacSuain gun tàinig taic-airgid bho SSE is Comhairle nan Eilean Siar sa bhliadhna mu dheireadh do bhuidhnean is pròiseactan a bha a' faighinn taic bho leithid Urras an Rubha agus Shanndabhaig.
Thuirt e gum bi feum air tuilleadh anns na mìosan ri tighinn gus am bi buidhnean mar an t-urras air ais ann an suidheachadh nas làidire.