Dragh air an NFU mu ghainnead luchd-obrach

  • Air fhoillseachadh
Caoraich

Tha ceannardan àiteachais ann an Alba ag ràdh gu bheil iad ann an èiginn le gainnead luchd-obrach.

Sgrìobh Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach ann an Alba gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte is iad ag iarraidh taic do dh'àiteachas agus roinnean a' bhìdh is na dibhe.

San litir aca, tha iad ag ràdh gum bu chòir bhìosa shònraichte fad bliadhna a bhith ann 'son gnìomhachasan a chuideachadh seachad air buaidh Chovid-19.

Thuirt iad gun leigeadh seo leotha luchd-obrach às an EU is dùthchannan eile fhastadh.

Tha iad cuideachd ag iarraidh ath-sgrùdaidh air feumalachdan roinn an àiteachais is roinn a' bhìdh is na dibhe.

A bharrachd air sin, tha iad a' sireadh gealltanas bhon Riaghaltas gun cuidich iad san ùine fhada le dèanamh cinnteach gum bi luchd-obrach gu leòr ann.

Uallach

"Tha coltas ann gu bheil Westminster den bheachd gu bheil luchd-obrach gu leòr ann gu h-ionadail", thuirt ceann-suidhe NFU na h-Alba, Màrtainn Ceannadach.

"Rinn sinn oidhirp mhòr le sin an-uiridh is gu sìmplidh cha robh daoine gu leòr ann.

"Chan urrainn dhuinn cumail a' dol mar seo is tha e a' toirt buaidh air tòrr ghnìomhachasan.

"Tha sinn fo uallach is tha e a' cosg tòrr dhan ghnìomhachas againn", thuirt e.

Ann am brath, thuirt Rìaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad ag obair le gnìomhachasan 'son dèanamh cinnteach gu bheil biadh a' faighinn gu margaidh, is gun deach ceumannan ùra fhoillseachadh airson dèiligeadh ri gainnead de dhràibhearan làraidh gu sònraichte.

Thuirt iad cuideachd gum bu chòir do luchd-fastaidh a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil cothroman cosnaidh ann do luchd-obrach ionadail.