
Tha Abhainn Spè 175km a dh'fhaid.
Tha sgeamaichean-haidhdro air "buaidh uabhasach" a thoirt air Abhainn Spè, a-rèir Bòrd Iasgaich Spè.
'S e an dàrna abhainn as fhaide ann an Alba a th' ann an Abhainn Spè, a tha 109 mìle no 175km a dh'fhaid.
Lorg rannsachadh a chur Bòrd Iasgaich Spè air dòigh gun robh cus uisge ga ghiùlain air falbh bhon abhainn airson dealan a chruthachadh.
A thoradh air sin, thurit iad, bha ìrean sruthaidh agus àirde na h-aibhne air tuiteam.
Sruthadh
Thuirt SSE Renewables, fear de chompanaidhean cumhachd-haidhdro as motha san dùthaich, gun robh iad ag obair gu dlùth còmhla ri buidhnean-riaghalaidh agus a' bhòrd iasgaich, agus gum biodh iad a' cruthachadh cumhachd-haidhdro ann an dòigh a bha "glan agus sùbailte".
Bidh am bòrd iasgaich a' stiùireadh iasgach nam bradan agus nam breac-mara san abhainn.
Thuirt iadsan gun robh sgeamaichean-haidhdro am measg na bha air an abhainn fhàgail aig ìre ìseal, agus gun robh seo air cunnart nas motha abhrachadh ro atharrachaidhean na ghnàth shìde.
Tha iad a-nis air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba agus Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba (SEPA) lùghdachadh a thoirt air na th' ann de dh'uisge a tha an-dràsta ga ghiùlain a-mach à sgìre-ghlacaidh na h-aibhne.
Comasan
Thuirt SEPA agus Riaghaltas na h-Alba gun robh fios aca mu dhèidhinn na teagamhan a bha air nochdadh mun Spè.
A-rèir an rannsachaidh dh'fhaodadh gu bheil sgeamaichean-haidhdro air sruthadh àbhaisteach na h-aibhne a' lùghdachadh gu ìre suas ri 61% ann an Ceann a' Ghiùsaich.
Thugadh droch bhuaidh cuideachd air comasan na h-aibhne gus uisge-ìochdair a' stòradh air a' ghrunnd.
Thuirt stiùiriche na bùird Roger Knight gu bheil e soilleir am "buaidh uabhasach" a chaidh a thoirt air an abhainn.
"Tha an gainnead de chomasan stòraidh sa ghrean air a dhèanamh nas duille builleach dhan Spè dèiligeadh le aimsir teth, tioram, rud a bhios a tachairt nas trice le atharrachadh na ghnàth-shìde.
"Feumar sùil a thoirt as ùr air na tha ceadaichte de dh'uisge a thathas a' toirt às na leas-abhainn againn.
Thuirt SEPA, am buidheann a bhios a' toirt seachad cead airson uisge a ghiùlain a-mach à aibhnean gun robh iad a' cumail sùil air a' chùis.
Agus thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh iad a' beachdachadh air an rannsachadh ùr agus gun toireadh iad seachad freagairt anns an àm ri teachd.